Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Làithean Sgoile

'S e an t-Ollamh Iain MacAonghais fear de na prìomh sgoilearan Gàidhlig agus eòlaichean air beul-aithris na h-Alba san t-saoghal.

Rugadh e ann an Sgìr' Ùig an Leòdhas ann an 1930 ach chuir e seachad a' chuid bu mhotha de dh'òige ann an Ratharsair, agus ghabh e ùidh ann an òrain, dualchas agus beul-aithris nan Gàidheal aig aois gu math òg. Thàinig e a dh' obair aig Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èidinn ann an 1958 far an robh e gus an do leig e seachad a dhreuchd ann an 1993.

Anns an t-sreath phrògraman seo, tha Iain a' toirt sùil air ais air a bheatha agus gu seachd àraid air na bliadhnachan a chuir e seachad a' siubhal air feadh Alba a' trusadh beul-aithris airson Sgoil Eòlais na h-Alba. Tha e ag innse dhuinn mu na sgìrean air an do thadhail e agus cuid de na daoine a chlàr e agus na dh' ionnsaich e bhuapa.

Anns a' phrògram seo, am measg gu leòr eile, tha Iain a' cuimhneachadh air làithean sgoile ann am Port Rìgh agus a' bruidhinn air a bheachdan air a' Ghàidhlig agus air a' chron a rinn siostam foghlaim na h-Alba air a' chànan.

Producer Fiona MacKenzie.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 25 Aug 2013 10:30