Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

An-diugh tha triùir ag innse cò ris a tha e coltach a bhith ann an crith-thalmhainn. Tha Anndra Robasdan ann an Sealan Nuadh far a bheil iad air a bhith a' faireachadh crithean-talmhainn bho chionn ghoirid. Bha Niall Iain Dòmhnallach ann an Chile ann an Ameireaga a Deas nuair a bhuail tè a bha dìreach beagan a bharrachd air sia air tomhas richter. Cuideachd tha Màiri NicMhaighstir a' fuireach ann am Mùideart far a bheil iad tric a' faireachadh cradhadh fon talamh.

Tha triùir thuathanaich a' deasbad riaghailtean ùr Eòrpach a bheir buaidh air dè an ùine a tha'd a cuir seachad nan suidhe air na tractaran aca. Tha lùghdachadh ri thighinn air na h-uairean a tha'd air an tractar ach dè a bhuaidh a bheir seo air an obair aca?

Tha Torcuil Crichton a' beachdachadh air na trioblaidean aig Ed Milliband.

Cuideachd tha Anna Edwards, Mairead NicIllFhaolain, Agnes Rennie agus Rosemary Nic a' Bhàird a' deasbad an dòigh 'sa bheil Breatannaich a' dèiligeadh ri seòmraichean nan taighean-òsta. Air reir's athaisg a-nochd bho chionn ghoirid tha sinn trom air a bhith a' glanadh agus a' sgioblachadh na rùmannan mas fhàg sinn. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Wed 21 Aug 2013 21:03