Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Dh'adhbharaich Jeremy Paxman mòran othail air Twitter nuair a nochd e air an telebhisean oidhche Luain agus bad feusaig air. Tha Coinneach a' faighneachd do thriùir air a bheil, no air an robh feusag, carson a tha'd gam fàs?

Bheir an t-Ollamh Dòmhnall Meek dealbh air Eilean Stròma a tha eadar na h-Eileanan Arcaibh agus Gallaibh far an do thadhail e fhèin bho chionn ghoirid mar phàirt de Chuairt Urras Leabhraichean nan Eilean.

Cuideachd tha Dòmhnall MacLeòid, an t-eòlaiche-inntinn, a' mìneachadh am Prisoner's Dilemma agus mar a tha's a cleachdadh Game Theories airson sgrùdadh a dhèanamh air mar a tha daoine a' dèanamh suas an intinnean.

Tha àrach sheilaichean-uisge air tilleadh dhan Chuimrigh as dèidh dà chiad bliadhna. Aig àm Bhictoria bha's gan cleachdadh airson sileadh-fala gus an do stad daoine a' chreidsinn gu robh feum th'annta. A-nis tha'd air ais agus mìnichidh an Dotair Aonghas MacFhionghuinn carson. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Wed 14 Aug 2013 09:03
Added. Check out your playlist Dismiss