Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Episode 3

Slighe Iain Muir Episode 3 of 6

Anns an t-sreath seo, tha Murchadh MacLeòid agus Dòmhnall Dòmhnallach - dithis a tha eòlach agus dèidheil air a bhith coiseachd - a' leantainn Slighe Iain Muir tro sgìre Lodainn an Ear.
Tha iad a' ruith air sgeulachd a bheatha agus a' toirt dhuinn an sealladh fhèin air an àrainneachd, an sgìre, na bailtean agus na costaichean a bhrosnaich Muir na bhalach òg.

Tha an t-slighe a' ruith bho Dùn Ghlais, deas air Dùn Barra gu ruige Baile nam Feusgain, taobh a-muigh Dhùn Èidinn.

An-diugh, tha 'd an cois Iain MhicChoinnich, a' coiseachd bearraidhean Dhùn Barra. Às a sin, tha 'd a' coinneachadh ri Niall MacGriogair, a rugadh sa thogadh sa sgìre, 's aig am bheil fiosrachadh mionaideach mu eachdraidh nam bailtean beaga a th'air an t-slighe eadar Dun Barra agus Baile na Linne.

Tha 'd a' dol seachad air an taigh-grùide as seana ann am Breatainn, a' stad aig seann mhuileann is àtha Prestonmill agus aig taigh-chalmain ann am baile beag Phantassie, a th' air a chaomhnadh gu dòigheil bhon t-siathamh linn deug. Tha 'd cuideachd a' faighinn a' chiad sealladh air Beinn Dhùn Peilleir, far an deach lorg fhaighinn air stòras mòr de dh'airgead Ròmanach.

Tha an t-sreath a' comharrachadh 100 bliadhna bhon a bhàsaich Iain Muir. Chaidh a chlàradh ann an 2013 agus chaidh Slighe Iain Muir a leudachadh gu ruige Bail' Eilidh air a' chost an iar sa Ghiblean 2014. 'S ann à Bail' Eilidh a sheòl teaghlach Muir a dh'Ameireagaidh.

30 minutes

Last on

Sun 25 May 2014 13:00
Added. Check out your playlist Dismiss