iPlayer Radio What's New?
Image for 12/08/2013

Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

12/08/2013

Duration:
57 minutes
First broadcast:
Monday 12 August 2013

Dè a tha sinn air ionnsachadh an dèidh an inneal rannsachaidh Curiosity bliadhna a chuir seachad air Mars. Sin a tha Aonghas Dòmhnallach air a bhith a' faighinn a-mach. Tha Aonghas Dubh MacNeacail còmhla ri Coinneach aig Caisteal Neidpath faisg air Na Pùballan. Air rèir choltais tha an taibhse aig Jean Dùbhlas, air an tug Sir Walter Scott an t-ainm Maighdean Neidpath, ri faicinn anns a' chaisteal. B'e ise an nighean a b'òige a bh'aig Iarla March, Uilleam Dùbhlas agus chaidh casg a chuir air Jean Uachdaran Tushielaw a phòsadh agus an teaghlach den bheachd nach robh e math gu leòr dhith. Nuair a chaidh an t-Uachdaran fhuadach air falbh as an àite, shearg a slàinte chò mòr nach do dh'aithnich esan i nuair a thìll e. Dh'adhbharaich sin gun do chaochail i le cridhe a bha briste-brùite. Ann an sreath nan tractaran an-diugh tha sinn anns an t-seada aig John Alick MacAoidh à Torlum am Beinn nam Fadhla agus cluinnidh sinn mar a tha barrachd is aon Mhassey aige. Agus ann an sreath làraich nam batail thèid sinn sgrìob gu Drochaid Shruighlea còmhla ri Alasdair MacIlleathain. B'e Batal Drochaid Shruighlea a' chiad shabaid riamh airson neo-eisimeileachd ann an Alba agus b'ann ann an 1297 a thachair e. bbc.co.uk/coinneach.

Broadcasts

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss