Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain le cunntas beatha naoimh Albannaich. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

ProducerMaggie MacKinnon.

Release date:

6 minutes

Last on

Sun 11 Aug 2013 14:55

Litir 734: Loch Cuithir agus a’ Chailc

Loch Cuithir. A bheil sibh eòlach air? Tha e anns an Taobh Sear, ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich. Tha e faisg air baile croitearachd air a bheil An Leth-allt. Tha an loch suidhichte fo thè de na beanntan as drùidhtiche anns an eilean, taobh a-muigh a’ Chuilthinn, co-dhiù. Is ise Sgùrr a’ Mhadaidh Ruaidh.

            Tha Loch Cuithir gu math sìtheil, agus bha mi ann o chionn ghoirid air feasgar brèagha samhraidh. Cha chluinnear ri taobh an locha ach bìogail a’ bhrù-ghil agus mèilich nan caorach. ’S e àite math a th’ ann do dhuine a tha a’ lorg sìth is sàmhchair.

            Ach cha robh Loch Cuithir riamh cho sàmhach sin. Bha gnìomhachas tionnsgalach ann aig aon àm, a bha a’ toirt obair do mhuinntir an àite. B’ e sin Gnìomhachas na Cailc.

            Ged a tha cailc a’ seasamh ann an Gàidhlig airson chalk, cha b’ e cailc dhen t-seòrsa sin a bh’ ann, ach stuth ris an canar diatomite. Tha e a’ tighinn bho shligean dhà-dhadaman, diatoms, a bha beò o chionn mìltean bhliadhnaichean. ’S e dà-dhadam lus beag bìodach – meanbh-bheò, gu dearbh – a tha beò ann an uisge.

            Nuair a gheibh iad bàs, bidh an sligean air an càrnadh air a’ ghrunnd. Tro thìde bidh iad air am fàsgadh ri chèile agus nì iad clach bhog bhàn. Faodar a’ chlach seo a dhèanamh na fùdar. Tha i làn silica agus, mar sin, gu math feumail do mhac-an-duine. Bhathar ga cleachdadh, mar eisimpleir, airson sìolachadh, airson uisge a shùghadh agus airson bacadh a chur air call teas.

            Bha a’ chailc ann an leapannan fo thrì troighean de mhòine. Agus cha robh an loch cho mòr ’s a tha e an-diugh. Bha mòran dheth air a chòmhdachadh le còinneach. Bha an t-àite fliuch, agus b’ fheudar pumpaichean a chur an sàs fad na h-ùine. Bha a’ chailc fhèin gu math fliuch. Mar sin, thogadh sabhal faisg air an loch far an robh i air a tiormachadh gu ìre. Thòisich an gnìomhachas anns a’ bhliadhna mu dheireadh dhen naoidheamh linn deug (1899).

            Tha trì mìle de mhòinteach ann eadar Loch Cuithir agus an cladach aig Inbhir Tobhta. Airson a’ chailc a thoirt don chladach, thogadh rathad-iarainn. Agus shìos air a’ chladach bha ionad-ròstaidh ann, far an robh a’ chailc air a tiormachadh buileach agus air a bleith. Anns an ròstadh, bha na criomagan luibhean am measg na cailc air an losgadh.

            Bhiodh a’ chailc a’ falbh a-mach gu long ann an eathraichean. Air làithean mar sin, bha suas ri ochdad duine a’ faighinn cosnadh, eadar luchd na cailc agus luchd nam bàtaichean. Bha suas ri caogad ag obair aig an Leth-allt fhèin.

            Thàinig an gnìomhachas gu ceann aig toiseach a’ chiad chogaidh. Ach thòisich e às ùr anns na caogadan. Chaidh rathad a thogail don loch. Thogadh factaraidh ùr ann an Ùig, air taobh thall Thròndairnis. Bha làraidhean a’ toirt cailc fhliuch eadar Loch Cuithir agus Ùig. Tha feadhainn dhen bheachd gur e sin a chuir às don ghnothach aig toiseach nan seasgadan.

            Faodar leughadh mun ghnìomhachas anns an leabhar Ghàidhlig ‘A’ Chailc’ le Richard Deveria. ’S e caibideil inntinneach a th’ ann, ann an eachdraidh mhòr ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich.

Faclan na Litreach

an Taobh Sear: Trotternish to the east of the ridge, taking in Staffin; An Leth-allt: Lealt (the name means a burn with a high bank on one side); tionnsgalach: industrial; cailc: diatomite; dà-dhadam: diatom; meanbh-bheò: plankton.

Abairtean na Litreach

A bheil sibh eòlach air?: do you know it?; suidhichte fo thè de na beanntan as drùidhtiche: situated under one of the most impressive mountains; taobh a-muigh a’ Chuilthinn: outside the Cuillin; cha chluinnear ach bìogail a’ bhrù-ghil agus mèilich nan caorach: the only things that are [to be] heard are the chattering of the wheatear and the bleating of the sheep; sìth is sàmhchair: peace and quiet; air an càrnadh air a’ ghrunnd: piled up on the base [of the water body]; air am fàsgadh ri chèile: squeezed together; faodar a’ chlach seo a dhèanamh na fùdar: this stone can be made into a powder; airson sìolachadh, airson uisge a shùghadh agus airson bacadh a chur air call teas: for filtering, for water absorption and for heat insulation; ann an leabannan fo thrì troighean de mhòine: in beds under three feet of peat; air a chòmhdachadh le còinneach: covered with moss; b’ fheudar pumpaichean a chur an sàs: it was necessary to work pumps; thogadh sabhal far an robh i air a tiormachadh gu ìre: a barn-like building was built where it [the diatomite] was partially dried; air a tiormachadh buileach agus air a bleith: fully dried and ground; bha na criomagan luibhean am measg na cailc air an losgadh: the fragments of plants among the diatomite were burned; a-mach gu long ann an eathraichean: out to a ship in small boats; gur e sin a chuir às don ghnothach aig toiseach nan seasgadan: that that was what put paid to the business at the beginning of the sixties; faodar leughadh mun ghnìomhachas: the business can be read about.

Puing-chànain na Litreach

Do any of you have thoughts on the meaning of Cuithir in Loch Cuithir? I suspect it might be based on a Norse original kví ‘animal pen, enclosure’ which has given us the Gaelic cuithe, meaning the same. This might also be the first element in the Cuith-raing/Quirang, a famous arrangement of hills a little further to the north. If you have any thoughts, I’d be pleased to hear from you.

Gnàthas-cainnt na Litreach

cha robh Loch Cuithir riamh cho sàmhach sin: Loch Cuithir wasn’t always as quiet as that.

 

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Ruairidh

Letter To Gaelic Learners

All letters

Litir do Luchd-ionnsachaidh 17

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here