Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Kay NicMhathain

Airidh air Urram Episode 7 of 7

'S iomadh rudha ris na shuath Kay NicMhathainn ach 's e an euchd a rinn i fhèin agus triùir eile a' toirt an Lia Fàil, neo Clach Sgàin, à Abaid Westminster air ais a dh'Alba ann a 1950 a thug gu aire an t-saoghail i. B' ann à Inbhir Àsdail, air taobh siar Rois a bha i, agus b' ann anns a' sgìre sin, san Allt Bheithe, a chaochail i aig aois 84.

B' e tidsear eaconomachd na dachaigh a bh' innte na h-obair làitheil ach bha cuideachd taobh mòr aice ris a' Ghàidhlig, agus i an luib a bhith ruith Campa Comann na h-Òigridh fad bhliadhnaichean.

Anns a' phrògram seo le Màrtainn Dòmhnallach, a chaidh a chraoladh an toiseach ann an 2002, cluinnidh sinn bho Kay fhèin agus i a' coimhead air ais air a beatha agus cuideachd bho Rona Lightfoot, Murchadh Caimbeul, Fionnlagh MacNèill agus Flora Perry, am measg eile, a bha eòlach oirre agus iad a' dèanamh dealbh air boireannach làidir, a bha brosnachail agus misneachail anns gach raon san robh i a' sàs.

30 minutes

Last on

Sun 14 Jul 2013 10:30
Added. Check out your playlist Dismiss