This programme is not currently available on BBC iPlayer Radio

Tormod an t-Seòladair

Cha do chuir nach d'fhuair e ach mu dhà bhliadhna sa sgoil bacadh air Tormod Moireasdan bhon a' Ghearra Bhuidhe ann a Siàbost air taobh siar Leòdhais; s' ann a chanadh duine gun chuir e spionnadh ann na b'urrainn dha fhoghlamachadh dha fhèin às dèidh sin. Rugadh e ann a 1869 agus aig aois 19 chaidh e air a' phoileas an Glaschu, obair ris na lean e fad a bheath'-obrach agus anns na rinn e strì airson ceartas fhads a bha e ann, gach cuid dhan phoball agus dha na poilis fhèin. Tha e aithnichte mar fhear dhan fheadhainn a stèidhich Caidreachas Poilis Alba. Às dèidh dha e fhèin ionnsachadh sgrìobh e leabhraichean air eachdraidh ionadail, ainmh-eòlas, beul-aithris agus poilitigs. Fhuair e ceum bho Oilthigh Frangach airson trachdas a rinn e air an easgann agus sgrìobh e cuideachd leabhar air an nathair, an adder.

A thuilleadh air a sin, bhiodh e a' togail dheilbh le camera agus tha 'd an-diugh nan dìleab prìseil dhan choimearsnachd agus dhan dùthaich. Còmhla ris a' choimhearsnachd fhèin. tha Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba agus pròiseact Tasglann Comhairle nan Eilean Siar air ùidh a ghabhail anns na dealbhan. Chaidh na dealbhan a thoirt do Chomunn Eachdraidh an Taobh Siar mar thiodhlac le teaghlach an Dr Moireasdan agus thèid an sgrùdadh agus an taisbeanadh tro phròiseactan sa choimhearsnachd.

30 minutes

Last on

Sun 28 Jul 2013 10:30
Added. Check out your playlist Dismiss