Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Prògram sònraichte a' foighneachd na ceist, dè an dìleab a dh'fhàg na Geamannan Oilimpigeach ann an Lunnain an uiridh? Bheir Tommy MacAskill agus Ailig O' Henley air ais sinn chun an àm sin nuair a bha an dùthaich cha mhòr air fad air am beò-ghlacadh leis na bha a' tachairt. Tha Anna Nicleòid a' cuir ris a' chòmhradh nuair a thig e gu deasbad mun bhuaidh air baile Lunnainn gu h-àraid air taobh an ear a' bhaile. Tha Torcuil Crichton agus Niall O' Gallaghar a toirt am beachd air mar a bha agus mar a tha polataigs a' laighe am measg na cùis. Tha Calum MacIlleathain, Kerr Gibb agus Cathy Fhriseil a' deasbad air a' bhuaidh a bh'aig na Geamannan air an dùthaich air fad. Tha Calum MacConail ag innse dè a thachair don fheadhainn a bhuannaich an uiridh, càite a bheil iad an-diugh agus a bheil iad fhathast a' leanntain an spòrs? Agus mu dheireadh tha deasbad air dè dìreach an dìleab a dh'fhàg na Geamannan aig deireadh an latha? An e buaidh mhaireannach a bh'ann no bheil e air seargadh as?bbc.co.uk/coinneach.

Release date:

57 minutes

Last on

Thu 4 Jul 2013 21:00