Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

01/07/2013

A-nochd 's i Fiona Rennie a tha a' toirt breab do Rapal còmhla ri Coinneach beò à stiùidio Steòrnabhaigh. 'S ann à Nis ann an Leòdhas a tha Fiona a bha a' dèanamh cùrsa togail-dheilbh ann an Obar Dheathain. Tha i an dràsta air laithean saora an t-Samhraidh agus tha i air obair fhaighinn aig a' chompanaidh foillsichidh Acair mas tèid i a Dhùn Èideann san t-Sultainn.

Cluinnidh sinn gu leòr mun taghadh-ciùil aice, pailteas de chlabadaich, cò ris a tha an obair samhraidh coltach agus cuideachd bidh naidheachdan neònach agus charts na seachdain againn. Agus mur nach cuala sibh dealbh-chluich ghoirid Rapal oidhche Dhiardaoin - bidh sinn a' chluich Eagallamh a-rithist. Cabadaich agus ceòl còmhla ri Coinneach. bbc.co.uk/rapal.

1 hour, 57 minutes

Last on

Mon 1 Jul 2013 19:03

Cèilidh Rapal

Skerryvore

Coimhead bhidiothan bhon chèilidh aig Fèis Chiùil aig a' Chidhe ann an Glaschu.

Rapal Tbh

Ro-shealladh - Sreath 6 de Rapal

Sreath chiùil ùr le Emma NicAonghais agus Vic Galloway.

Added. Check out your playlist Dismiss