iPlayer Radio What's New?
Image for An Canan Seumas MacNèill

Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

An Canan Seumas MacNèill

Duration:
30 minutes
First broadcast:
Sunday 30 June 2013

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:

'Aon Spiorad, aon Tighearna, aon Dia' air a sheinn le Alasdair Codona.

An 'Kyrie, Gloria agus A Thighearna Chruthaich is a Dhealbh Mi' air an seinn le Còisir Naomh Barr sa Bhagh a Tuath ann am Barraigh.

Salm 83 air a sheinn le Sìneag Nic an t-Saoir agus air a' phiàna tha Pauline NicDhòmhnaill.

A' seinn an 'Alleluia' tha Pàdraig Hughes

A' seinn Coiseachd Dlùth tha Rosemary Ward le taic bho Billy Mac a' Phì air a' bhocsa

Leughaidhean: Sechariah 12: 10-11
Litir an Abstoil Pol a-chum nan Galatianaich 3: 26-29
Soisgeul Lùcais 9: 18-24

Rugadh Mgr Seumas ann an Eilean Bharraigh agus 's ann gu Colaiste na Sagairteachd anns an Ròimh a chaidh e airson ionnsachadh a bhith na shagart.
Bha e na shagart paraiste san Eilean Sgitheanach airson grunn bhliadhnaichean agus bha e cuideachd a' frithealadh paraiste an Dòrnaidh agus an Ath Leathainn.
Roimhe sin bha e na shagart paraiste ann am Beinn na Faoghla agus Mòrar. Bha e cuideachd a' teagasg ann an Roinn na Diadhachd aig Oilthigh Ghlaschu airson còig bliadhna.
An-diugh tha Mgr Seumas na iar-easbaig air Sgìr'-easbaig Earra-Ghàidheil agus nan Eilean, stèidhichte aig Cathair-eaglais Naomh Chaluim Chille san Òban.
Nuair a gheibh e beagan ùine dha fhèin is toigh leis a bhith a' leughadh 's a' coiseachd.

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss