Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain le cunntas beatha naoimh Albannaich. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

ProducerMaggie MacKinnon.

Release date:

6 minutes

Last on

Sun 30 Jun 2013 14:55

Litir 728: Am Fear a Fhuair na Trì Comhairlean - Pàirt 3

Tha mi a’ dol a chur crìoch air an stòiridh thraidiseanta Am Fear a Fhuair na Trì Comhairlean. B’ e a’ chiad chomhairle – gabh an rathad fada glan, seach an rathad goirid salach. B’ e an dàrna comhairle – gun a bhith a’ cur seachad oidhche ann an taigh far an robh seann duine agus bean òg. B’ e an treas comhairle gun a bhith a’ dèanamh dad air feasgar no oidhche gun a bhith a’ meòrachadh air, eagal ’s nach gabh thu aithreachas air a shon air madainn an làrna-mhàireach.

            Lean ar caraid air, air a shlighe dhachaigh. Ràinig e an taigh. Bha an oidhche ann, agus bha a h-uile càil dubh dorch. Bha e air a bhith air falbh fad ùine mhòr. Anns an ùine sin, thàinig atharrachadh mòr air gnothaichean aig an taigh.

            Chaidh e a-steach don taigh anns an dorchadas. Chunnaic e fear na shìneadh air an leabaidh. Shaoil e gur e fear a bh’ ann a bh’ air a bhith a’ fuireach cuide ri a bhean fhad ’s a bha e air falbh. Chaidh e a lorg sgian no tuagh no claidheamh airson an duine a mharbhadh.

            Ach smaoinich e air an treas comhairle a fhuair e bhon fhear-fhastaidh – gun dad a dhèanamh air feasgar no oidhche gun a bhith a’ meòrachadh air, eagal ’s nach gabhadh e aithreachas air a shon air madainn an làrna-mhàireach. Bha e air an còrr dhen tuarastal aige a chosg air a’ chomhairle, agus shaoil e gur e deagh chomhairle a bh’ innte air sgàth sin.

            Thill e a dh’ionnsaigh na leapa, gun armachd na làimh, airson ’s gum faigheadh e a-mach le cinnt cò am fear a bh’ ann. Agus cò lorg e san leabaidh ach a mhac fhèin. Bha e air fàs cho mòr ’s nach robh e air aithneachadh.

            Thàinig a bhean agus chuir iad fàilte air a chèile. Dh’fhaighnich a bhean dheth gu dè bha e air a thoirt dhachaigh mar thuarastal. Oir b’ e sin an t-adhbhar a dh’fhàg e an taigh anns a’ chiad àite.

            ‘Uill,’ ars esan, ‘fhuair mi tuarastal, ceart gu leòr.’

            ‘Agus?’ dh’fhaighnich ise. ‘Càite a bheil e?’

            ‘Uill,’ ars esan, ‘’s ann mar seo a tha e. Chosg mi e air trì comhairlean. Ach ’s e comhairlean riatanach a bh’ annta.’ Agus mhìnich e dhi mar a thachair dha air a rathad dhachaigh. Feumaidh nach robh i fhèin uabhasach toilichte, ge-tà, oir cha robh e air a thuarastal a thoirt dhachaigh leis.

            ‘Agus dh’inns e rudeigin eile dhomh,’ thuirt an duine. Thug e an lof arain do a bhean. ‘Seo lof arain,’ thuirt e. ‘Am fear a dh’fhastaich mi, thuirt e gum biodh tusa a’ feitheamh ris an aran seo.’

            Chaidh i a-null a dh’ionnsaigh a’ bhùird. Thog i sgian mhòr. Agus gheàrr i an t-aran ann an dà leth. Nuair a dh’fhosgail i an lof, ’s ann a thuit airgead a-mach às – a h-uile sgillinn a bha an duine aice air cosnadh fhad ’s a bha e air falbh. Bha am fear eile air a chur a-steach don lof.

            Leis gun robh an duine cho dìleas ’s gun tug e feairt air trì comhairlean an fhir eile, bha e air a dhachaigh a ruigsinn slàn sàbhailte. Agus sin agaibh an naidheachd air an Fhear a Fhuair na Trì Comhairlean.

Faclan na Litreach

treas: third; dubh dorch: pitch black; dorchadas: darkness; fear-fastaidh: employer; riatanach: essential; lof arain: a loaf of bread.

Abairtean na Litreach

Tha mi a’ dol a chur crìoch air: I’m going to conclude; gun a bhith a’ dèanamh dad air feasgar no oidhche gun a bhith a’ meòrachadh air: not to do anything in the evening or night without considering it; eagal ’s nach gabh thu aithreachas air a shon air madainn an làrna-mhàireach: in case you might regret it the next morning; lean ar caraid air, air a shlighe dhachaigh: our friend continued, on his way home; fear na shìneadh air an leabaidh: a man stretched out on the bed; sgian no tuagh no claidheamh: a knife, axe or sword; bha e air an còrr dhen tuarastal aige a chosg: he had spent the rest of his wages; shaoil e gur e deagh chomhairle a bh’ innte air sgàth sin: he reckoned it was good advice because of that; gun armachd na làimh: without carrying a weapon; cho mòr ’s nach robh e air aithneachadh: so big that he hadn’t recognised him; b’ e sin an t-adhbhar a dh’fhàg e an taigh: that was the reason he left the house; mhìnich e dhi mar a thachair dha: he explained to her what happened to him; cha robh e air a thuarastal a thoirt dhachaigh leis: he hadn’t brought his wages home with him; thog i sgian mhòr: she picked up a big knife; gheàrr i an t-aran ann an dà leth: she cut the bread in half [in two halves]; ’s ann a thuit airgead a-mach às: money fell out of it; a h-uile sgillinn a bha an duine aice air cosnadh fhad ’s a bha e air falbh: every penny her husband had earned while he was away; bha e air a dhachaigh a ruigsinn slàn sàbhailte: he had reached his home safe and in one piece.

Puing-chànain na Litreach

Chaidh i a-null a dh’ionnsaigh a’ bhùird: she went over to the table. A dh’ionnsaigh is a compound preposition; thus, the noun commanded by it, bòrd, goes into the genitive case, particularly where the article is present. Thus we say a dh’ionnsaigh a’ bhùird. Other examples would be airson a’ bhùird, air beulaibh a’ bhùird, mu choinneimh a’ bhùird.

Gnàthas-cainnt na Litreach

cho dìleas ’s gun tug e feairt air trì comhairlean an fhir eile: so faithful that he [had] paid attention to the other man’s three pieces of advice.

 

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Ruairidh

Letter To Gaelic Learners

All letters

Litir do Luchd-ionnsachaidh 17

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here