Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

An-diugh prògram sònraichte beò à Talla Bhagh a' Chaisteil ann am Barraigh.

Am measg nan còmhraidhean tha Dòmhnall Uilleam Macleòid ag innse mar a fhuair e an MBE airson a chuid obrach air a' bhàta-teasairginn.

Tha Annie Theresa NicNèill, Neach Deasachaidh a' phàipear naidheachd Guth Bharraigh, a' bruidhinn mun obair aice-se agus mar a tha'd a' tional naidheachdan an eilean.

Ged a tha'd beag, chaneil iad bog! Tha Màiri NicIlleathain agus Annie NicNèill ag innse mun obair mhòr a tha Comhairle Òigridh Bharraigh a' dèanamh. 'S iad a bha an lùib an iomairt wi fi a thoirt gu aiseagan ChalMac a tha an dùil seo a thoirt gu na seòlaidhean air fad eadar a h-Eleanan an Iar agus Tìr Mòr ro dheireadh na bliadhna 'sa.

Agus an dèidh na prògraman telebhisean Island Parish, innsidh Dòmhnall Macleòid a bheil an t-eilean fhathast a' dol fodha le camper vans.

Sin agus ma tha Barraigh ainmeil airson strùpain an Tràigh Mhòir ma dh'fhaodte nach fhada gus an tèid iad a-mach as an fhasan agus farpaisichch eile air nochdadh a tha air càil dhaoine a gheurachadh. Tha seilicheagan Bharraigh, an fheadhainn a tha a' faondradh machair Eòlaigearraidh, a-nise air truinnsearan taighean-bìdh spaideil Dhùn Eidinn a ruighinn. Saoil am fiach Coinneach iad? Feumaidh sibh èisteachd. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Thu 27 Jun 2013 21:00
Added. Check out your playlist Dismiss