Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Ethel Bassin

Airidh air Urram Episode 5 of 7

Ged a rugadh Ethel Bassin ann an Dùn Èideann ann an 1889, chuir i seachad mòran bhliadhnachan a' teagasg air Ghàidhealtachd - anns na h-Eileanan an Iar, anns an Eilean Sgitheanach agus air tìr-mòr.

Tha cuimhn' oirre fhathast anns na h-Eileanan far an robh i na tidsear ciùil siubhlach aig àm an dàrna cogaidh, agus a rèir coltais se neach-teagaisg lèirsinneach agus adhartach a bh' innte. Bha ùidh mhòr aice ann an Gàidhlig - an cànan agus an ceòl. Rinn i rannsachadh dòmhainn air òrain Ghàidhlig agus agus bha ùidh mhòr aice cuideachd ann am beatha Frances Tolmie a bha air mòran òrain a chruinneachadh anns an Eilean Sgitheanach mus tàinig Ethel dhan Eilean ann an 1925.

Mar thoradh air a seo sgrìobh i an leabhar, The Old Songs Of Skye : Frances Tolmie and Her Circle, a nochd ann an clò ann an 1977, trì bliadhna às dèidh a bàis.

Producer Fiona MacKenzie.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 30 Jun 2013 10:30