iPlayer Radio What's New?
Image for 18/06/2013

Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

18/06/2013

Duration:
1 hour, 27 minutes
First broadcast:
Tuesday 18 June 2013

As dèidh mar a shoirbhich dha na leabhraichean aig Dan Brown leithid The Da Vinci Code , Angels and Demons agus The Lost Symbol, bha fadachd mhòr airson an leabhar as ùire Inferno. Tha Aonghas MacNeacail air an leabhar a leughadh agus ùidh sònraichte aige fhèin anns na cuspairean a tha a' nochdadh anns an leabhar mar toimhseachain, ifrinn, ealain agus gnothaichen dorcha, dìomhair.

Chan eil drathais dhearg air Superman anns a' film ùr Man of Steele, ach tha fios nach e seo an aon atharrachadh a chìthear. Chaidh Murchadh MacSuain a choimhead air an dealbh agus bheir e beachd air an dreach ùr aig Clark Kent agus an sgeulachd aig Man of Steele. Chaidh a' film a stiùireadh le Zack Snyder agus am measg na cleasaichean tha Russell Crowe a tha a' cluich athair Superman, Jor-El, le Amy Adams a' cluich Lois Lane agus se Kevin Costner agus Diane Lane a tha a' cluiche na pàrantan a dh'uchd mhacaich Superman, Jonathon agus Martha Kent. Se Michael Shannon a tha a' cluich an droch isean, Zod, a tha a' leantainn Kal-El air ais gu Talamh an dèidh Kyrpton a bhith air a sgrios.

Cuideachd an-diugh chaidh Anna Nicleòid a dh'fhaicinn an dealbh-chluich Early Days a sgrìobh David Storey. Tha an sgrìobhadair ainmeil seo a' comharrachadh cò latha breith sònraichte agus e ceithir fichead bliadhna a dh'aois. Tha an dealbh-chluich seo ann an taigh-chluiche Finborough ann an Lunnainn. Tha an sgeulachd ma dheidhinn Kitchen, ball-pàrlamaid a tha air a dhreuchd a leigeil dheth. Se an nighean aige agus an duine a tha a' gabhail cùram dheth airson a shàbhailteachd fhèin. Ach tha Kitchen a' fàs paranoidheach agus eagalach agus tha e a' faireachadh cho aonranach gu bheil sin a' toirt air coimhead air ais air a bheatha agus mar a dh'fhalbh na bliadhnaichean. bbc.co.uk/feasgar.

Broadcasts

Reasabaidhean Èisg

Reasabaidhean Èisg - Bradan / Muasgan-caol

Reasabaidhean èisg còmhla ri Seonag Nic a' Ghobhainn.

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss