Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

An-diugh prògram sònraichte bho thachartas mòr ciuil ann an Eilean Ìle, Blàr, a bha air a' bhrosnachadh leis a' bhàrdachd aig Uilleam MacDhùnlèibhe, Blàr Tràigh Ghruineart. Tha a' bhàrdachd mu dheidhinn batal ainmeil ann an Ìle - Blàr Thràigh Ghruineart - ann an 1598 eadar Clann MhicIlleathain, le Lachlainn Mòr MacIlleathain à Dùbhairt an aghaidh Dòmhnallaich Ìle, le Sir Seumas Dòmhnallach Dhùin Naoimheig air an ceann-san. B'e adhbhar a' bhlàir conas mu shealbh tìrean ann an Ìle, agus chuir sin gu sabaid dithis a bha dlùth an càirdeas, agus a bha cudtromach ann an eachdraidh Alba. Bha co dhiù ceud agus da fhichead neach air an àrd ùrlar eadar leughadairean agus luchd ciùil às an Eilean fhèin, nam measg còmhla pìoba Ìle, còisirean an Eilean air fad, còisirean nan sgoiltean agus luchd ciùil tradiseanta Ìle. Chaidh an ceòl a stiùireadh le Clare Jordan agus chaidh Blàr a riochdachadh le Iseabail Nic an t-Sagairt. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Tue 4 Jun 2013 21:03
Added. Check out your playlist Dismiss