Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

02/06/2013

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean seo:
Salm 103 air fonn Coleshill agus air a sheinn le Coitheanal Eaglais Paraiste Thiriodh
Salm 121 air fonn French agus air a sheinn le Coitheanal Eaglais Naomh Cheasaig ann an Calasraid
Salm 23 air fonn Crimond agus Laoidh Chaluim Chille air an seinn le Còisir Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Glaschu

Leughaidhean:
Salm 23 & Eòin 10: 1-6 & 22-30

Ceann-teagaisg: Eòin 10: 27-28

"Thàinig i dhan t-saoghal seo na nighean ministeir,
Thuit i ann an gaol 's tha i nise na bean ministeir,
'S cha do stad i gun robh i fhèin na ministear"

Air an t-seachdain seo cluinnidh sibh seirbheis a chaidh a chraoladh an toiseach ann an 1997 còmhla ris an Urr Màiri Byers a bha na ministear air Eaglais na h-Alba ann an Diùra aig an àm.
Tha Màiri an-diugh air dreuchd paraiste a leigeil dhith ach tha i gu math trang bho là gu là san sgìre far a bheil i fuireach faisg air na Crìochan.
Tha Màiri a' fuireach ann an sgìre Annain far a bheil i air a cumail trang a' frithealadh ospadail agus taighean-eiridinn anns an sgìre. A bharrachd air an sin bidh i cuideachd a' searmonachadh gu math tric air Là na Sàbaid.
Rugadh is thogadh an t-Urr Màiri Byers ann an sgìre Staidhligearraidh ann an Uibhist a Deas - 's e ministear a bha na h-athair, an t-Urr Calum Laing, agus b' e am ministear a bha anns an Tobha Mòr son iomadach bliadhna. Bha seachdnar anns an teaghlach aig Màiri. Chaidh i gu Bun-Sgoil Thobha Mhòir agus às an sin gu Sgoil Phaibeil an Uibhist a Tuath. Chaidh i gu ruige Àrd-Sgoil Phort Rìgh son foghlam aig àrd-ìre a chrìochanachadh, ach ann an 1947 ghluais an teaghlach gu ruige Alanais agus chrìochanaich i foghlam aig àrd-ìre ann an Àrd Sgoil Inbhir Pheofharain.
Bhiodh Màiri riamh a' leughadh leabhraichean mu bhanaltraman - bha ùidh aice ann am Florence Nightingale agus bhiodh i cuideachd a' leughadh leabhraichean air an sgrìobhadh le miseanaraidhean. Nuair a dh'fhàg i an sgoil chaidh i a dh'Inbhir Nis a thrèanadh airson a bhith na banaltram agus às an sin chaidh i a Dhùn Èideann. B' ann an Dùn Èideann a choinnich i ris an duine aice (an t-Urr Ailean Byers) agus bha esan a' trèanadh airson a bhith na mhinistear aig an àm agus miann aigesan cuideachd a dhol a-null a theagaisg an t-soisgeil gu tìrean cèin.
Às dèidh dhaibh pòsadh agus esan dreuchd ministeir a thoirt a-mach chaidh iad a-null gu ruige Ghana agus bha iad a' fuireach ann an àite iomallach an sin. Bha ceathrar a theaghlach aca agus bha Màiri fhèin a' teagasg a cuid chloinne oir cha robh sgoiltean no goireasan foghlaim ro mhath sa sgìre. Thill iad air ais a dh'Alba ann an 1971 agus chaidh iad gu paraiste faisg air Obar Dheathain
Bhiodh Màiri a' toirt seachad tòrr cuideachaidh taobh a-staigh na paraiste, a' teagasg 's a' cuideachadh ann an iomadh dòigh. Le sin, còmhla ris na sgilean a dh'ionnsaich i a' teagasg a cuid chloinne fhèin, chaidh i a dhèanamh cùrsa-teagaisg - ach cha robh na cùrsaichean 's an trèanadh a' stad aig an sin. Tro na bliadhnaichean rinn i cùrsaichean eile co-cheangailte ris an eaglais gus mu dheireadh rinn i cùrsa-trèanaidh airson a bhith na ministear. Ghabh i dreuchd ministeir ann an 1991 agus chaidh i gu Eilean Dhiùra far an robh i frithealadh a' pharaiste sin gu 1998. Anns na bliadhnaichean sin bhiodh seirbheisean Gàidhlig aice ann an Diùra agus an Ìle. Leig i dhith a dreuchd ann an 1998 oir cha robh an duine aice a' cumail ro mhath .
Tha iad an-diugh a' fuireach ann an Annan agus air an cumail trang a' cuideachadh paraistean eile agus cuideachd a' frithealadh nan oghaichean aice - tha deichnear aca ann aig an ìre-sa.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 2 Jun 2013 21:00

An t-Urr Màiri Byers

An t-Urr Màiri Byers