Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Dealbh air an Urr Tòmas MacCalmain agus obair

'Ann an iomadach dòigh 's e duine cho cudthromach sa bh' air Ghàidhealtachd sa chiad leth dhan fhicheadaibh linn'. Na briathran aig an fhear-naidheachd Màrtainn Dòmhnallach mun Ollamh Urramach Tòmas MacCalmain. Bha am beachd seo stèidhichte air na rinn Tòmas a' seasamh chòirichean chruitearan agus cuideachd a' strì airson leasachadh na Gàidhealtachd san fharsaingeachd. Tha beachd eile ann gur h-e a sgrìobh an àireamh is motha de dh' fhaclan Gàidhlig seach neach sam bith eile, ann an leth-cheud bliadhna de sgrìobhadh rosg. Gheibh sinn measadh air an sgrìobhadh sin bho Raghnall Mac Ille Dhuibh. Tha an t-Ollamh Dòmhall Meek a' toirt thugainn a' phrògram agus ag innse mun àit' a th' aige fhèin ann an sgeulachd Thòmais MhicCalmain.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 26 May 2013 10:00

An t-Ollamh Urramach Tòmas MacCalmain

An t-Ollamh Urramach Tòmas MacCalmain

Dòmhnall Meek

Dòmhnall Meek
Dòmhnall Meek taobh a-muigh seann dachaigh teaghlaich na Murchisons ann an Caol Reatha.