Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

an Urr Seumas Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba, Garrabost

Anns an t-seirbheis seo cluinnear na sailm agus an leughadh a leanas: Salm 143, 6-7 air fonn Walsall. Os cionn na seinn tha Coinneach Dòmhnallach le taic bho choitheanail Seminaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.Salm 04, 7-8 air fonn Moravia. Os cionn na seinn tha Iain Dòmhnallach le taic bho choitheanail Eaglais na h-Alba ann am Barabhas. Leughadh Salm 102 agus ceann-teagaisg Salm 102: 2 & 13. Rugadh Seumas Dòmhnallach ann an sgìre Mhealaboist ann am Borgh air taobh Siar Eilean Leòdhais air an 9 den Chèitean 1943. Bha triùir anns an teaghlach aige, e fhèin, a bhràthair a bhàsaich na leanabh agus a phiuthar Seonag. Bha athair Sheumais, Murchadh neo Murchadh Sheumais, ainmeil airson a bhith sgrìobhadh òrain: òrain cianalais, òrain cogaidh agus òrain èibhinn. Chaidh Seumas gu bun-sgoil Ghabhsainn agus an uairsin gu Àrd Sgoil Lionail gus an do dh'fhàg e an sgoil aig aois còig bliadhna deug nuair a chaidh e dhan a' Chabhlaich Mharsanta. Mar iomadach Leòdhasach eile chur e seachad bliadhnaichean aig muir a' siubhail an t-saoghail gus nas thill e air ais dhachaigh anns na tri ficheadan. Phòs e a bhean Mairi Ann ann an 1971 agus bha ceathrar chloinne aca. Bha Seumas ag obair air a' bheairt airson iomadh bliadhna gus an deach e a' ghairm chun a' mhinistrealachd. Chaidh e air ais dhan sgoil airson deuchainnean aig àrd ìre a dhèanamh agus cothrom a thoirt dha a dhol dhan oilthigh mar oileanach Diadhachd fad ceithir bliadhna. Thill e air ais dhan eilein ann an 1983 agus chur e seachad bliadhna aig Àrd Eaglais Steòrnabhaigh a' toirt taic dha dheagh charaid, an t-Urramach Ruairidh Moireasdan. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garrabost san Rubha san Òg Mhìos 1984 far an robh e airson seachd bliadhna deug gus an do leig e dheth a dhreuchd air sgàth a shlàinte ann an 2001. Bidh e fhathast a' searmonachadh bho àm gu àm ann an coitheanalan air feadh nan eilean. Tha uidh mhòr aige ann a bhith a' càradh agus ag ùrachadh àirneis agus thairis air na bliadhnaichean tha e air sean tractar "1955 Ferguson TEF20" ùrachadh.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 12 May 2013 21:00