Tha sinn fhathast anns a' Ghleann Mhòr an t-seachdain seo. Bu mhath leam innse dhuibh mu fhear ainmeil a chuir seachad nam bliadhnaichean mu dheireadh aige ann an Cille Chuimein, taobh Loch Nis. Bha e ainmeil mar an 'sealgair-leòmhann'.

Release date:

6 minutes

Last on

Sun 12 May 2013 14:55

Litir 721 - Roualeyn George Gordon-Cumming

Tha sinn fhathast anns a’ Ghleann Mhòr an t-seachdain seo. Bu mhath leam innse dhuibh mu fhear ainmeil a chuir seachad nam bliadhnaichean mu dheireadh aige ann an Cille Chuimein, taobh Loch Nis. Bha e ainmeil mar an ‘sealgair-leòmhann’.

            B’ e an duine Roualeyn George Gordon-Cumming. Bha e na fhear-siubhail agus na fhear-spòrs. Tuigidh sibh nach robh a theaghlach gann de dh’airgead. Bha tàthan eadar ‘Gordon’ is ‘Cumming’.

            B’ e Roualeyn George an dàrna mac aig Uilleam Gòrdan Gordon-Cumming, fear a bha am measg nan uaislean mòra. Rugadh an gille ann an ochd ceud deug is fichead (1820), agus fhuair e a chuid foghlaim aig Eton. Nuair a bha e ochd-deug, dh’fhalbh e do na h-Innseachan far an robh e an sàs ann an Eachraidh Aotrom Mhadras. Ach cha do chòrd an aimsir anns na h-Innseachan ris agus thill e dhachaigh.

            Bha aon rud air còrdadh ris anns na h-Innseachan, ge-tà – sealg. Chaidh e an uair sin a dh’Ameireagaidh a Tuath, far an robh e a’ dèanamh tuilleadh seilg.

            Ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a trì (1843), chaidh Gordon-Cumming a dh’Afraga. Thòisich e anns a’ Cheap ach cha b’ fhada gus an robh e ann am meadhan na mòr-thìr, a’ sealg agus a’ sealg. Bha an dùthaich sin làn bheathaichean mòra aig an àm sin. Chuir Gordon-Cumming seachad còig bliadhna ann an Afraga agus sgrìobh e leabhar Five Years of a Hunter: Life in the Far Interior of South Africa. Dh’fhàs e ainmeil air a shàillibh.

            Bha pàirtean dhen chunntas aige doirbh a chreidsinn do chuid, ged a sgrìobh Daibhidh Mac Dhùn Lèibhe gun gabhadh a h-uile pàirt dheth a chreidsinn. Thuirt an Cuimeanach gun do leum e a-steach gu linne turas anns an robh each-aibhne a bh’ air a ghoirteachadh. Le sgian, gheàrr e eagan ann an cliathaich a’ chreutair. Chuir e iallan leathair tro na lùban agus, le taic bho a chompanaich, tharraing e an t-each-aibhne a-mach às an uisge.

            Rinn Gordon-Cumming dealbhan dubh-is-geal airson an leabhair. Sin e ann am fear dhiubh le sgian, a’ toirt ionnsaigh air an each-aibhne leòinte – beathach mòr fiadhaich. Sin e a-rithist ann an dealbh eile, cuide ri fear dubh Afraganach, agus iad a’ feuchainn ri nathair mhòr fhada a tharraing a-mach às na creagan le bhith a’ greimeachadh air a h-earball.

            Ghlèidh e cuid de na closaichean is cinn a fhuair e. Bha iad air an sealltainn don phoball anns a’ Mhòr-thaisbeanadh ann an Lunnainn ann an ochd ceud deug, caogad ’s a h-aon (1851). Chaidh an cruinneachadh aige –  ‘The South Africa Museum’ – a thoirt timcheall Bhreatainn. Mu dheireadh, chaidh a thoirt do thalla ann an Cille Chuimein, far an cuireadh Gordon-Cumming seachad na h-ochd bliadhna mu dheireadh de a bheatha.

            Aig an àm sin, bha tòrr luchd-turais a’ siubhal tro Chille Chuimein, agus iad air bàtaichean anns a’ Chanàl Chailleannach eadar an Gearasdan agus Inbhir Nis. Bhiodh Gordon-Cumming a’ nochdadh air bruaichean a’ chanàil nuair a bhiodh bàta a’ tighinn a-steach, agus èideadh Gàidhealach air, le gobhar na chois. Bhiodh e a’ brosnachadh dhaoine gus a dhol a choimhead air an taisbeanadh aige de shealg ann an Afraga, aig prìs tastain.

            Agus ’s ann an Cille Chuimein a thàinig eachdraidh iongantach gu crìch, ann an ochd ceud deug, seasgad ’s a sia (1866) aig aois dìreach ceathrad ’s a sia.

Faclan na Litreach

Cille Chuimein: Fort Augustus; sealgair-leòmhann: hunter of lions; tàthan: hyphen; Na h-Innseachan: India; Eachraidh Aotrom Mhadras: Madras Light Cavalry; Ameireagaidh a Tuath: North America; an Cuimeanach: Cumming; iallan leathair: leather thongs; lùban: loops; leòinte: wounded; closaichean: animal carcases; Am Mòr-thaisbeanadh: The Great Exhibition; An Canàl Cailleannach: The Caledonian Canal.

Abairtean na Litreach

anns a’ Ghleann Mhòr: in the Great Glen; tuigidh sibh nach robh a theaghlach gann de dh’airgead: you’ll understand that his family wasn’t short of money; cha do chòrd an aimsir ris: he didn’t enjoy the weather; thòisich e anns a’ Cheap: he started in the Cape; cha b’ fhada gus an robh e ann am meadhan na mòr-thìr: it wasn’t long until he was in the middle of the continent; dh’fhàs e ainmeil air a shàillibh: he became famous on the strength of it; bha pàirtean dhen chunntas aige doirbh a chreidsinn do chuid: some people found parts of his account difficult to believe; ged a sgrìobh Daibhidh Mac Dhùn Lèibhe gun gabhadh a h-uile pàirt dheth a chreidsinn: although David Livingstone wrote that it could all be believed; each-aibhne a bh’ air a ghoirteachadh: a hippopotamus that was injured; gheàrr e eagan ann an cliathaich a’ chreutair: he cut notches in the creature’s side; a’ feuchainn ri nathair mhòr fhada a tharraing a-mach às na creagan: trying to pull a large long snake out of the rocks; le bhith a’ greimeachadh air a h-earball: by grasping its [her] tail; agus èideadh Gàidhealach air, le gobhar na chois: wearing Highland garb and accompanied by a goat; bhiodh e a’ brosnachadh dhaoine: he would be encouraging people; gus a dhol a choimhead air an taisbeanadh aige de shealg ann an Afraga: to go and see his exhibition of hunting in Africa; aig prìs tastain: at the cost of a shilling; a thàinig eachdraidh iongantach gu crìch: that his amazing story came to an end.

Puing-chànain na Litreach

far an robh e a’ dèanamh tuilleadh seilg: where he was doing more hunting. Sealg ‘hunting’ is a feminine noun which has several forms in the genitive singular viz. seilg, seilge and sealga. All three forms can be seen in Scottish place-names eg Cnoc na Seilg ‘the hill of the hunting’, Srath na Seilge ‘the strath of the hunting’ and Allt na Sealga ‘the burn of the hunting’.

Gnàthas-cainnt na Litreach

a chuir seachad nam bliadhnaichean mu dheireadh aige: who spent his final years.

 

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Ruairidh

Letter To Gaelic Learners

All letters

Litir do Luchd-ionnsachaidh 17

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here