Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

An diugh prògram sònraichte a chaidh a chlàradh air cuairt Choinnich dhan Chuimrigh. An toiseach tha Coinneach ann an Ionad Dr Who ann an Cardiff agus còmhla ris fear aig a bheil ùidh sònraichte anns na prògraman seo, Calum MacFhionghuinn. Bha Calum air bhoil a ruith bho rud gu rud anns an Ionad agus e a' toirt cuimhneachain thuige air na seann dotairean agus na Daleks agus eile a bhiodh a-nochdadh anns na prògraman. Tha leth cheud bliadha ga chomharrachadh bhon a-nochd Dr Who air an telebhisean an toiseach agus 's ann sa Chuimrigh a tha na prògraman seo gan dèanamh. Se seo an cruinneachadh de stuth Dr Who is motha air an t-saoghal agus a bharrachd air an tardis, na h-uile bhèistean agus na h-innealan iongtach tha trusgain a bh'air na dotairean eadar-dhealaichte tro na bliadhnaichean rim faicinn cuideachd. As dèidh sin tha Coinneach ann an Swansea, baile àràich Dylan Thomas, far a bheil e a' coinneachadh ri Seonag Monk. Mar a chluinneas sibh tha spèis mhòr aig Seonag dhan obair a rinn Thomas agus le bhith a' dol mun cuairt na h-Ionad, The Dylan Thomas Centre, a tha mar chuimhneachan air an sgrìobhadair, chì iad sgeulachd a bheatha, rudan a bhuinneadh dha agus na sgrìobhaidhean aige. Tha Dylan Thomas aithnichte mar fear de na bàird as cudthromaiche san 20 lìnn. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Wed 15 May 2013 21:00
Added. Check out your playlist Dismiss