iPlayer Radio What's New?
Image for Catriona Nicleòid

Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Catriona Nicleòid

Duration:
30 minutes
First broadcast:
Thursday 18 April 2013

Air 21 den Ghiblean 1923, sheòl an t-soitheach a Metagama à Steòrnabhagh le trì cheud eileanach air bòrd 's iad a dèanamh air beatha ùr ann an Canada. Nam measg, bha pàrantan Chatriona NicLeòid: rud a thug buaidh mhòr air a beatha fhèin. Anns a' phrògram seo, tha i ag innse do Mhairianna NicChoinnich mu a pàrantan, am beatha ann an Canada agus a h-òige fhèin ann a sin. Is iomadh car a thàinig air am beatha 's a tharraing air ais a Leòdhas iad tro na bliadhnaichean sin. Tha Catriona ag innse sgeulachd a tha tiamhaidh ach aigheareach cuideachd, 90 bliadhna an dèidh dhan Mhetagama falbh a Leòdhas.

  • SS Metagama

    SS Metagama (an dealbh le cead bho Ùghdarras Puirt Steòrnabhaigh)
    An dealbh le cead bho Ùghdarras Puirt Steòrnabhaigh.
  • Alasdair MacÌomhair, athair Chatriona, dol air bòrd a’ Mhetagama

    Alasdair MacÌomhair

    Alasdair MacÌomhair, athair Chatriona, dol air bòrd a’ Mhetagama ‘s a’ leigeil soraidh le phiuthar, Seònaid agus a bhràthair, Dòmhnall

  • Catriona na pàiste còmhla ri h-athair ‘s a màthair ann an Canada

    Catriona na pàiste còmhla ri h-athair ‘s a màthair ann an Canada.
  • Còmhla ri seanmhair ann a Rànais, an dèidh tilleadh dhachaigh

    Còmhla ri seanmhair ann a Rànais, an dèidh tilleadh dhachaigh
  • Catriona NicLeòid aig a dachaigh ann an Leòdhas

    Catriona NicLeòid aig a dachaigh ann an Leòdhas
  • Catriona agus an duine aice, Calum aig an dachaigh ann an Rànais.

    Catriona agus Calum MacLeòid
  • Athair Chatriona agus Dòmhnall MacLeòid

    Athair Chatriona agus Dòmhnall MacLeòid

    Athair Chatriona ( air an làimh cheart) agus fear de chàirdean ann an Canada, Dòmhnall MacLeòìd à Aiginis ‘s an Rubha.

  • An soitheach air an tàinig athair Chatriona dhachaigh ann an 1935

    An soitheach air an tàinig athair Chatriona dhachaigh ann an 1935
  • Sgian

    Sgian

    An sgian a cheannaich i dha h-athair, air bòrd an Duchess of York.

  • Catriona na nighean òig

    Catriona na nighean òig
  • Sgoiltean na sgìre ann am Fort William

    Sgoiltean na sgìre ann am Fort William

    Sgoiltean na sgìre ann am Fort William, Ontario. Sgoil Franklin Street gu h-àrd air an taobh cheart agus an Collegiate gu h-ìosal.

  • Catriona aig aois 17

    Catriona aig aois 17

    Catriona aig aois 17 ann an dealbh a thug i dha h-athair, Nollaig 1945, còig mìosan mus do chaochail e ann an tubaist-rathaid.

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.