Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

còmhla ris an Urr Aonghas MacLeòid

Chaidh an t-seirbheis seo a chraobh-sgaoileadh an toiseach anns an Òg Mhìos 1994 agus a chlàradh ann an Taigh-Coinneamh a' Chnuic anns an Rubha . Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas -
Salm 133, 1-3 air fonn Free Church agus os cionn na seinn bha Murchadh MacLeòid
Salm 122, 6-9 air fonn Stornoway agus os cionn na seinn bha Calum MacLeòid
Leughadh: Litir an Abstoil Pòl a-chum nan Philipianach 1: 1-7
Ceann- teagaisg: Litir an Abstoil Pòl a-chum nan Philipianach 1: 3

Rugadh an t-Urramach Aonghas MacLeòid ann an Steòrnabhagh ann an 1948. Chaidh oideachadh ann am bun- agus àrd-sgoil Lionail ann an Nis. Às dèidh dha an sgoil fhàgail chaidh e gu Sgoil Àiteachais Baile Mhic Cara airson dà bhliadhna agus fhuair e obair air tuathanas ann an Ceann a' Ghiuthsaich às dèidh sin. Thàinig atharrachadh na bheatha nuair a bha e fhathast ann an Ceann a' Ghiuthsaich agus thòisich e air beatha Chrìosdail a leantainn.
Chaidh e a dh'obair Ghlaschu an uair sin far an robh e sàs ann an obair àrachais. Thill Mgr MacLeòid air ais dhan a' cholaiste agus an oilthigh ann an 1973.Chaidh e an toiseach gu Colaiste Langside agus an uair sin gu Oilthigh Ghlaschu oir bha e a-nise airson dreuchd na ministrealachd a thoirt a-mach. Chrìochnaich e a chuid foghlam ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire eadar 1976 agus 1979.
Choinnich Mgr MacLeoid ri bhean, Ellen, nuair a bha e ann an Glaschu agus phòs iad san Iuchar 1975 - bha dithis chloinne aca nighean agus gille.
Chaidh Mgr MacLeòid a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Gheàrrloich anns an Lùnastal 1979 agus dh'fhuirich e ann airson còrr air dusan bliadhna. Chuir coitheanal an Rubha fios thuige aig deireadh 1991 agus chaidh a phòsadh ris a' choitheanal sin aig toiseach 1992. Bha e os cionn coitheanal an Rubha gu deireadh 2006 nuair a leig e dheth a dhreuchd air sgàth trioblaidean slàinte. Bhàsaich Mgr MacLeòid sa Mhàrt 2010 agus bhàsaich a bhean, Ellen, anns an Fhaoilleach 2011.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 14 Apr 2013 21:00

An t-Urramach Aonghas MacLeòid

An t-Urramach Aonghas MacLeòid