Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Seirbheis cràbhach Didòmhnaich

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 103, 1-2 air fonn Dundee os cionn na seinn tha Dòmhnall MacLeòid le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Salm 21, 5-6 air fonn Kilmarnock, os cionn na seinn Murchadh Moireasdan le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Partick Highland.
Salm 68, 19-20 air fonn Torwood, os cionn na seinn Coinneach Fearghasdan le taic bho choitheana Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Ceann-teagaisg: Salm 103

Tha Mgr MacLeòid air a bhith na mhinistear air coitheanal a' Bhac airson fàisg air trì bliadhna a-nise. Roimhe sin bha e na mhinistear ann an Eaglais Shaor Bharabhais. Mus deach e staigh airson na ministearalachd bha e na mhanaidsear air pròiseact Urras Choimhearsnachd Chalanais agus nan Gearranan air taobh siar Leòdhais.
'S ann do dh' eilean Scalpaigh a bhuineas Calum Iain agus thàinig e gu bhith na Chrìosdaidh nuair a bha e trì bliadhna deug a dh' aois. Tha Calum Iain fada an comain an Urramaich Alasdair Mac a' Ghobhainn a bha na Mhinistear ann an Eaglais Shaor Scalpaigh aig an àm, airson na taic agus an stiùireadh a thug e dha na òige.
Tha e pòsta aig Dina agus tha triùir chloinne aca - caileagan air fad - Anne Marie, Rachel Kate agus Eilidh. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin is toigh leis a bhith ag iasgach, a' coiseachd agus a' coimhead eunlaith.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 7 Apr 2013 15:00