Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

A' tomhas - farsaingeachd, cuairt-thomhas, tomhas-lìonaidh

Thairis air an dàrna sreath de phrògraman, tha Bella Bhragail agus Pòl Pongail a' stiùireadh sgoilearan gus na sgilean obair-cinn matamataigeach aca a leasachadh. Bheir iad air na sgoilearan a bhith ag obair an aghaidh a chèile, an aghaidh Bella agus Pòl agus an aghaidh a' ghleoca ann an suidheachadh a tha aotram agus tlachdmhòr. Agus, tha cudrom air na sgoilearan a bhith ag obrachadh a-mach freagairtean matamataig nan cinn cho luath 's a ghabhas agus nas luaithe na Bella!

Anns a' phrògram seo tha iad air chuairt ann an ionad-spòrs 's tha aca ri sia ceistean a fhreagairt. 'S e a' tomhais (farsaingeachd, cuairt-thomhais agus tomhas-lìonaidh) an earrann teagaisg.

Tha na prògraman air an dealbh gus taic a thoirt do chlann a tha ag obair a dh'ionnsaigh na dara ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais. Tha iad cuideachd a' sealltainn cho cudromach 's a tha obair-cinn matamataigeach anns an fharsaingeachd agus anns an t-saoghal mhòr, chan ann a-mhàin a thaobh obair sgoile.

Tha na ceistean 's nam freagairtean a tha anns a' phrògram rim faighinn anns na notaichean tidseir, cuide ri ceistean cruaidh eile, agus tha iad sin rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam.

Producer Una MacDonald.

Release date:

20 minutes

Last on

Sun 31 Mar 2013 14:30