Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

24/03/2013

Anns an t-seirbheis sònraichte seo airson Didòmhnaich Slat Phailm tha Am Pais air a' leughadh leis a' Chanan Dòmhnall MacAoidh, Alice NicAonghais agus Dòmhnall Ailean Mac a' Ghobhainn.

A' seinn na laoidhean bidh Coisir Eaglais Naomh Barr às a Bhàgh a Tuath am Barraigh agus Amy NicAmhlaigh le taic ciùil bho Bhilly Mac a' Phi agus Alana NicAonghais.

An Canan Dòmhnall MacAoidh:

Rugadh e ann an Uibhist a Deas agus chaidh a thogail ann an sgìre Ghearradh na Mònadh agus b' ann nuair a bha e na chlèireach air an altar ann an Eaglais Màthair na Dòrainne a rinn e suas inntinn gun robh e son a bhith na shagart agus b' e sin an t-slighe a lean e.Chaidh Mgr. Dòmhnall gu Sgoil Ghearradh na Mònadh gus an robh e dhà dheug agus chaidh e às an sin gu Sgoil Naomh Vincent air Bruach Chluaidh agus gu Colaiste Blairs.

Ghluais e às an sin gu Colaiste na Sagartachd anns an Spàinn, a bha stèidhichte aig an àm sin ann an Valladolid. Ann an 1976 thill e dhachaigh agus ghabh e bòidean na sagartachd.Chaidh Mgr. Dòmhnall air ais gu Sgoil Naomh Vincent son bliadhna, an turas-sa na neach-teagaisg. Ghluais e dhan Òban bliadhna as dèidh sin far an do chuir e seachad ùine ann an cuideachd an Easbaig Cailean Mac a' Phearsain agus an Àrd-Shagart Thomas Whynn. Bha Mgr. Dòmhnall a' frithealadh paraistean Dhalabroig còmhla ri Mgr. Niall agus Mgr. Iain MacIlleathain agus paraiste a' Ghearastain còmhla ri Mgr. Iain MacNèill.

Thill e air ais dhan Spàinn airson sia bliadhna agus b' ann aig an àm sin a ghluais Colaiste na Sagartachd bho Valladolid gu Salamanca. 'S e an t-Easbaig Iain Moireach, a tha air a bhith na Easbaig air Sgìre Easbaigeach Earra Ghàidheil 's nan Eilean gu bho chionn ghoirid, a bha na cheannard air a' Cholaiste san Spàinn aig an àm sin.

Ann an 1991 chaidh Mgr. Dòmhnall a chuir a Bhàgh a' Chaisteil na shagart paraiste agus bha e a' frithealadh na sgìre sin gu 2001, a' bhliadhna a chomharraich e còig bliadhna fichead na shagart. Bhàsaich a mhàthair dìreach beagan làithean às dèidh dha an ceann-là sin a chomharrachadh agus i air an cothrom fhaighinn a bhith an làthair aig aifreann shònraichte a chaidh a chumail ann am Barraigh air a shon. Ghluais Mgr. Dòmhnall dhan Òban ann an 2001 far an robh e stèidhichte aig Cathair Eaglais Naomh Chaluim Chille.

An-uiridh chaidh a ghluasad gu bhith os cionn paraiste Ceann a Deas Uibhist agus Èirisgeigh.Tha ùidh mhòr aige ann a bhith leughadh agus a bhith leantainn cor na h-Eaglaise air an eadar-lìon, agus tha ùidh mhòr aige ann an ceòl Gàidhealach.

30 minutes

Last on

Sun 24 Mar 2013 15:00
Added. Check out your playlist Dismiss