iPlayer Radio What's New?
Image for 10/03/2013

Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

10/03/2013

Duration:
30 minutes
First broadcast:
Sunday 10 March 2013

Ann an Dèanamaid Adhradh còmhla ris an soisgeulaiche Dòmhnall Iain Moireasdan cluinnidh sibh na sailm is leughadh a leanas:
Salm 01: 1-2 air fonn London New, os cionn na seinn bha an t-Urramach Seumas MacÌomhair le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chille Bhrìde an Ear
Slam 65: 4-5 air fonn St David, os cionn na seinn bha an t-Urramach Seumas Dòmhnallach le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garrabost.
Leughadh: Ecclesiastes 3: 1-20
Ceann-teagaisg: Hosea 10:12

'S e Sgalpach a th' ann an Dòmhnall Iain, agus mar a thuirt e fhèin, "rugadh agus thogadh mi san àite is brèagha de dh'Alba agus am pìos is fheàrr dha na Hearadh". Tha Dòmhnall Iain pòsta aig Heidi, a tha às an Òlaind agus tha dithis chloinne aca.

Mas deach Dòmhnall Iain gu Seamanaraidh na Diadhachd ann an Lunnainn, bha e gu mòr an sàs ann an obair-leasachaidh anns a' sgìre aige fhèin agus e air fhastadh aig Companaidh Leasachaidh na Hearadh Earranta son còig bliadhna. Anns an ùine sin bha e sàs ann am pròiseactan leasachaidh anns a' choimhearsnachd, a' toirt a-staigh còrr air dà mhillean not de thaic airgid bhon a' roinn phoblach agus phrìobhaideach airson pròiseactan a bha nam buannachd dhan sgìre a bha e riochdachadh.

Dh'fhàg e a dhreuchd ann an 2000 agus chaidh e gu Colaiste na Diadhachd ann an Lunnainn far an do chuir e seachad trì bliadhna.

Tha Dòmhnall Iain air a bhith na Chrìosdaidh bho 1988, as dèidh tubaist le car far an do chaill boireannach a beatha. Tha e an dràsta na mhiseanaraidh dachaigh leis an Eaglais Shaor Leantainneach ann an Inbhirnis agus mar phàirt dhan obair aige bidh e siubhail gu deifir sgìrean ann an Alba, agus air feadh an t-saoghail, a' toirt an t-soisgeul gu aire dhaoine. Gu math tric 's ann a-muigh air an t-sràid a bhios e a' searmonachadh.

Tha ùidh mhòr aig Dòmhnall Iain ann a Moldova air taobh an Ear na Roinn Eòrpa agus tha e air tadhail an sin grunn thursan sna bliadhnaichean mu dheireadh. Tha tòrr bochdainn anns a' sgìre seo agus tha Dòmhnall Iain air a thàladh ann leis a' bhuaidh a th' aig suidheachadh nan daoine bochd air agus cuideachd an tarraing spioradail. Tha Dòmhnall Iain an dòchas àit' ùr a thogail dhaibh mar thaigh-ùrnaigh agus cuideachd taic a thoirt dha na teaghlaichean bochda.

Producer Angela MacKinnon.

Broadcasts

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss