Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

03/03/2013

Anns an t-seirbheis à tasglann a' BhBC air an t-seachdain seo, cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 116: 17-19 air fonn Moravia, os cionn na seinn bha Tormod Moireasdan le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Crow Road ann an Glaschu
Salm 84: 4-5 air fonn Bangor, os cionn na seinn bha Dòmhnall Iain MacIllinnein le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh
Leughadh Salm 118: 19-29 agus Eòin10: 1-14
Ceann-teagaisg: Leabhar an Taisbeanaidh 3:8

'S ann à Aird nam Murchan a tha Mgr MacEanraig bho thùs agus tha e air a bhith na mhinistear aig Eaglais na h-Alba faisg air trì fichead bliadhna. Thairis air na bliadhnaichean sin tha e air a bhith os cionn trì paraistean - Dùn Bheagain san Eilean Sgiathanach, Glasaraidh ann an Earra-Ghàidheal agus còig bliadhna fichead ann an Ceann Loch Chille Chiarain. Nuair a bha e ann an Ceann Loch Chille Chiarain, 's ann an Eaglais Ghàidhealach na Paraiste a bha e stèidhichte, eaglais anns an robh ministearan ainmeil, nam measg Iain Mac a' Ghobhainn a dh'eadar-theangaich na sailm agus pàirt dhan t-Seann Tiomnadh dhan a' Ghàidhlig. Bha an t-Urramach Tormod MacLeòid (Caraid nan Gàidheal ) na mhinistear san eaglais sin cuideachd.
Bha Mgr MacEanraig ag obair air bàtaichean nan taighean-solais mas deach e staigh airson dreuchd na ministrealachd.

30 minutes

Last on

Sun 3 Mar 2013 21:00
Added. Check out your playlist Dismiss