Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

03/03/2013

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is a' leughadh a leanas:
Salm 68: 19-20 air fonn Torwood, os cionn na seinn bha an t-Urramach Coinneach Fearghasdan le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Salm 65: 4-5 air fonn St David, os cionn na seinn bha an t-Urramach Seumas Dòmhnallach le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garabost.
Salm 59 : 16-17 air fonn Stornoway, os cionn na seinn bha Ailig John MacAmhlaigh le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chalanais.

Leughadh: Salm 1
Ceann teagaisg: Salm 1

Rugadh 's thogadh Alasdair MacAmhlaigh ann am Breascleit air taobh siar Eilean Leòdhais. Buinidh athair sa mhàthair dhan a' bhaile 's tha iad fhathast a' fuireach an sin.

Chaidh e dhan a sgoil ann am Breascleit agus a-rithist gu àrd-sgoil MhicNeacail ann a Steòrnabhagh mus do rinn e cùrsa einnseanaireachd ann an Colaiste Caisteal Leòdhais.

Thàinig atharrachadh spioradail na bheatha nuair a bha e dà bhliadhna thar fhichead. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd chuir e dà bhliadhna seachad ann an gnìomhachas na h-ola agus sia bliadhna deug na fhear-naidheachd aig a' BhBC ag obair ann an Inbhirnis agus mu dheireadh ann an Steòrnabhagh
Tha e pòsta aig Màiri, a bhuineas do sgìre Nis agus tha triùir chloinne aca, Luc, Emma agus Kate. Bha Alasdair agus Màiri le chèile an sàs ann an obair am measg òigridh Nis airson grunn bhliadhnachan mus do ghluais an teaghlach a Dhùn Èideann airson tri bliadhna fhads a bha Alasdair a' frithealadh Colaiste na h-Eaglaise Saoire. Anns an Òg Mhìos 2012 fhuair e cead-searmonachaidh agus chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich agus Manachainn Rois san Lùnastal.
A bharrachd air uallaichean a' choitheanal, bidh Alasdair a' dèanamh obair ann an grunn sgoiltean sa sgìre agus tha Màiri, a bhean, ag obair gu saor-thoileach còmhla ri màthraichean òga.
Tha an triùir chloinne aca anns an ionad Ghàidhlig ann am Bun Sgoil Chnoc na Creige.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 3 Mar 2013 15:00

Mairi agus Alasdair

Mairi agus Alasdair

An t-Urr Alasdair MacAmhlaigh 's an teaghlach

An t-Urr Alasdair MacAmhlaigh 's an teaghlach