iPlayer Radio What's New?
Image for 17/02/2013

Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

17/02/2013

Duration:
30 minutes
First broadcast:
Sunday 17 February 2013

Ann an Dèanamaid Adhradh còmhla ris an Urr Iomhar Màrtainn cluinnidh sibh na sailm is leughadh a leanas:
Salm 122: 1-4 air fonn St Paul, os cionn na seinn bha an t-Urr Iain D Caimbeul le taic bho Choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh.

Salm 73: 24-25 air fonn Stornoway, os cionn na seinn bha D R Dòmhnallach le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh

Salm 40: 103 air fonn Ballerma, os cionn na seinn bha Murchadh MacÌomhair le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus an Hearadh.

Leughadh 1 Rìghrean 19: 1-13
Ceann-teagaisg 1 Rìghrean 19:13

B' ann an sgìre Phàislig ann an Glaschu a rugadh 's a thogadh Ìomhar Màrtainn - bha athair aig an àm na mhinistear aig an Eaglais Shaor anns an sgìre.
Às dèidh an sgoil fhàgail chaidh Ìomhar gu Colaiste Raibeart Gordon's ann an Obar Dheathain far an robh e ag ionnsachadh mu nithean eileagtronaigeach. As dèidh dha ceumnachadh ann an 1980 chaidh e a dh'obair na innleadair ann an gnìomhachas micro-eileagtronaigeach far an robh e son dusan bliadhna.
Ann an 1992 chaidh Iomhair gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann airson foghlam na ministrealachd a thoirt a-mach.
Chuir e seachad ùine ghoirid ann an Steòrnabhagh an toiseach nuair a thàinig e mach na mhinistear agus às an sin chaidh e son sia bliadhna gu eaglais Bon Accord ann an Obar Dheathain. Tha e an-diugh stèidhichte ann an Eaglais Shaor Steòrnabhaigh.
Tha Maighstir Màrtainn pòsta aig Màiri agus tha sianar chloinne agus seachdnar oghaichean aca. Is caomh leis a bhith dèanamh tòrr leughadh nuair a gheibh e ùine dha fhèin

Producer Angela MacKinnon.

Broadcasts

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss