Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Dèanamaid Adhradh Tasglann

Chaidh an t-seirbheis ann an tasglann a' BhBC air an t-seachdain a chraoladh an toiseach ann an 1992 nuair a bha Maighstir Moireasdan na mhinistear os cionn coitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas. Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is leughadh a leanas:
Salm 46: 1-2 air fonn Kilmarnock os cionn na seinn Dòmhnall Iain Dòmhnallach
Salm 80: 7-8 air fonn Coleshill, os cionn na seinn Dòmhnall Tormod Mac a' Ghobhainn
Salm 136: 1-2 air fonn Torwood, os cionn na seinn Uilleam Mac a' Ghobhainn
Chaidh an t-seinn air fad a chlàradh ann an Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.

Leughadh: Salm 56: 1-13 & 34: 1-5
Ceann teagaisg: 34:5

Rugadh Eachann Moireasdan ann an 1955 ann an Steòrnabhagh. 'S ann à Grabhair a bha a phàrantan - bha athair na bhreabadair agus 's e banaltram a bha na mhàthair. Bha ceathrar bhalach anns an teaghlach agus b' esean an dàrna duine bu shine.
Chaidh Mgr Moireasdan a Sgoil MhicNeacail mus do ghluais e a Ghlaschu dhan oilthigh ann an 1973. Cheumnaich e ann an 1976 agus mar phàirt den trèanadh aige airson na ministrealachd cheumnaich e a-rithist ann an 1980.
Phòs Mgr Moireasdan agus a bhean, Annice NicIllinnein, ann an 1981. Chaidh Mgr Moireasdan a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige san Dùbhlachd 1981. Chuir e seachd naoi bliadhna na mhinistear air coitheanal Bharabhais agus rugadh dithis mhac dhaibh aig an àm sin, Neil agus Ruairidh. Dh'ionnsaich Mgr Moireasdan a' Ghàidhlig nuair a bha e ann am Barabhas agus thòisich e air searmonachadh sa chànan.
B' e a' chiad ministear a bha air coitheanal Loch Aillse nuair a ghluais iad a sin ann an 1990. Rugadh an treas leanabh nuair a bha iad ann an Loch Aillse agus 's e Cailean a thug iad air. Cho fad 's a bha Mgr Moireasdan na mhinistear aig Eaglais na h-Alba, bha e na bhall air iomadach comataidh. Ghluais iad à Loch Aillse ann an 1994 nuair a chaidh e a' sàs ann a bhith cur air chois ionad Diadhachd na Gàidhealtachd.
'S e Maighstir Moireasdan, cuide ris an Ollamh Anndra McGowan, a bha gu mòr air cùlaibh Ionad Diadhachd na Gàidhealtachd a chur air chois, a chaidh a stèidheachadh ri taobh Colaiste Mhoireibh. Bha an t-ionad mar phàirt de dh'ionadan is colaistean a bha air an stèidheachadh fo bhratach Oilthigh na Gàidhealtachd.
Thòisich iad ann an ionad gu math beag ann an 1994 agus chaidh àite nas motha a thoirt dhaibh aig a' cholaiste ann an ùine gu math goirid. Aig toiseach 1999, ghluais iad gu ionad gu math nas motha ann an Inbhir Pheofharain, far a bheil iad a-nise neo-eisimeileach bho Cholaiste Mhoireibh agus tha an togalach fhèin aca. Dh'atharraich iad an ainm gu Colaiste Diadhachd na Gàidhealtachd.
Ghabh Mgr Moireasdan thairis obair Prionnsapal na Colaiste ann an 2009.

30 minutes

Last on

Sun 10 Feb 2013 21:00
Added. Check out your playlist Dismiss