iPlayer Radio What's New?
Image for 10/02/2013

Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

10/02/2013

Duration:
30 minutes
First broadcast:
Sunday 10 February 2013

Ann an Dèanamaid Adhradh an-diugh, còmhla ri Mgr Seumas MacNèill, cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:

Còisir Eaglais Naomh Barr sa Bhàgh a Tuath ann am Barraigh a' seinn na leanas:
Thighearna, Thàinig Thu Chun na Linne
An Gloria
Kyrie
Mise Dia na Muir 's na Speur
Salm 24 - A Thighearna, Seall Dhomh do Dhòighean

Padraig Hughes a' seinn an 'Alleluia'
Maeve NicFhionghuin - Laoidh an Iasgair

Chualas cuideachd na leughaidhean seo:
A' chiad leughadh bhon Fhàidh Isaiah 6: 1-8 agus an dàrna leughadh bhon Chiad Litir aig Naomh Pòl gu muinntir Chorinth 15: 1-11, air an leughadh le Anna Nic na Ceàrdaich. Bha
Soisgeul Naomh a rèir Luc 5: 1-11 air a leughadh le Angela NicFhionghuin.

Rugadh Mgr Seumas ann an Eilean Bharraigh agus 's ann gu Colaiste na Sagairteachd anns an Ròimh a chaidh e son ionnsachadh a bhith na shagart.

Bha Mgr Seumas na shagart an toiseach ann am Morar agus Beinn a' Bhaoghla agus an uairsin ghluais e gu Oilthigh Ghlaschu far an robh e a' teagasg ann an Roinn na Diadhachd airson còig bliadhna. Chaidh e an uairsin dhan Eilean Sgiathanach agus b' e a' chiad sagart-paraiste a bh' air sgìre an Eilein Sgiathanaich. Aig an àm sin bha e cuideachd a' frithealadh paraiste an Dòrnaidh.

Tha Mgr Seumas an-diugh stèidhichte aig Cathair-Eaglais Naomh Chaluim Chille san Òban agus 's e an iar-easbaig a tha air Sgìre Easbaig Earra-Ghàidheal 's nan Eilean.

Nuair a gheibh e beagan ùine dha fhèin is toigh leis a bhith a' leughadh 's a' coiseachd.

  • Mgr Seumas MacNèill

    Mgr Seumas MacNèill

Broadcasts

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss