Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

27/01/2013

Ann an Dèanamaid Adhradh air an t-seachdain seo, còmhla ris an Urr Iain Murchadh Dòmhnallach bho Eaglais na h-Alba ann an Cros, cluinnidh sibh na sailm is leughadh a leanas:
Salm 116: 1-2 air fonn Kilmarnock, os cionn na seinn Ailig Iain Moireasdan le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrois.
Salm 95: 6-7 air fonn Bedford, os cionn na seinn Tormod Mac a' Ghobhainn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrois.
Salm 16: 10-11 air fonn Kilmarnock, os cionn na seinn an t-Urramach Seumas MacÌomhair le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garrabost.
Leughadh: Eabhraidhich 3: 1-9
Ceann-teagaisg: Eabhraidhich 3: 7-8
'S ann do sgìre Bheàrnaraigh a bhuineas Iain Murchadh Dòmhnallach agus chaidh e dhan sgoil sa sgìre sin mus deach e a bhaile mhòr Steòrnabhaigh son foghlam aig àrd-ìre ann an Sgoil MhicNeacail agus Colaiste a' Chaisteil.
Rugadh is thogadh Iain Murchadh air croit agus cha robh e na shrainnsear dhan obair chruaidh a bha ri dhèanamh air a' chroit.
Bha obair pàirt ùine aige còmhla ri Roinn na Tèarainteachd Shòisealta agus bha cosnadh cuideachd aige aig aon àm ann an Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar.
Dh'atharraich beatha Iain Murdo ann an 1989 agus fhuair e eòlas air beatha a' Chrìosdaidh agus bho thàinig an t-atharrachadh sin na bheatha, bha e faireachdainn gum bu chòir dha ceumannan eile a ghabhail agus a dhol a dh'ionnsachadh son a bhith na mhinistear.
Ann an 1995 chaidh e gu Colaiste na Diadhachd aig Oilthigh Obar Dheathain. Às dèidh trèanadh airson na ministrealachd chuir e seachd mu bhliadhna gu leth aig Àrd Eaglais Steòrnabhaigh .
Ann an 2001 fhuair e gairm bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Nis agus tha e air a bhith ann an sin bhon uair sin.
Tha Iain Murchadh pòsta aig Alison NicDhòmhnaill - an nighean a b' òige aig an Urr Alasdair Dòmhnallach (Alasdair Mhurdaig) 's a mhnaoi Màiri - agus tha triùir chloinne aca.

30 minutes

Last on

Sun 27 Jan 2013 15:00

An t-Urr Iain Murchadh Dòmhnallach

An t-Urr Iain Murchadh Dòmhnallach
Added. Check out your playlist Dismiss