iPlayer Radio What's New?
Image for 13/01/2013

Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

13/01/2013

Duration:
30 minutes
First broadcast:
Sunday 13 January 2013

Anns an t-seirbheis an-diugh cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 85, r9-10 air fonn Coleshill, os cionn na seinn bha Tormod Moireasdan le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Salm 72, r17-19 air fonn Stornoway, os cionn na seinn Donnchadh Moireasdan le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Sgalpaigh.
Leughadh: Lucas 2: 1-35
ceann- teagaisg: Lucas 2: 25
Rugadh agus thogadh Mgr Dòmhnallach ann an sgìre Phabail Uarach anns an Rubha ann an Leòdhas. As dèidh an sgoil fhàgail anns an Rubha agus Sgoil Mhicneacail a fhrithealadh chaidh e a dh'ionnsachadh obair saoirsainneachd son ceithir bliadhna ann an Steòrnabhagh.
Às dèidh pòsadh, chaidh iad a dh'fhuireach a dh'Inbhir Nis airson greiseag agus an uair sin thill iad air ais a Steòrnabhagh far an robh iad a' ruith bùth son ùine ghoirid. Tha dithis bhalach aca agus ochdnar oghaichean agus tha fear de na balaich na mhinistear ann an sgìre Nis ann an Leòdhas.
Thàinig atharrachadh ann am beatha Mhaighstir Dhòmhnallaich ann an 1987 agus chaidh e a dh'obair chun na buidhne Tear Fund ann am Bangladesh son dà bhliadhna. Às a sin ghluais e gu miseanaraidh ann an Afraga a Deas far an robh e cuideachadh le bhith leasachadh 's a càradh eaglaisean, a' togail eaglaisean ùra agus a' searmonachadh bho àm gu àm cuideachd.
Ann an 1993, thill Maighstir Dòmhnallach air ais dhan dùthaich agus chaidh e gu Colaiste na Diadhachd ann an Dùn Èideann. Fhuair e fios bho choitheanal na h-Eaglaise Saoire ann an Snìsoirt san Eilean Sgitheanach ann an 1997 agus bha e a' frithealadh a' choitheanail sin gu 2008. Anns an Dùbhlachd 2008 chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Leantainneach Sgalpaigh .
Nuair a gheibh e beagan ùine dha fhèin is caomh leis a bhith ag iasgach, a' leughadh, a' dèanamh beagan DIY agus a' cur seachad ùine còmhla ri theaghlach.

  • An t-Urr Coinneach Dòmhnallach

    An t-Urr Coinneach Dòmhnallach
  • An t-Urr Coinneach Dòmhnallach agus a bhean

    An t-Urr Coinneach Dòmhnallach agus a bhean

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss