Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Episode 1

Na Hearadh Episode 1 of 8

Anns an t-sreath ùr seo, tha Christine NicLeòid air chuairt timcheall eilean a h-àraich, Na Hearadh. Tha i a' tòiseachadh ann an ceann a tuath an eilein. Ann am prògram an là an-diugh, cluinnear mu bhaile Rèinigeadail agus an sgìre mu chuairt. B' e Rèinigeadal am baile mu dheireadh gus an deach rathad a thogail, bho chionn dìreach corr is fichead bliadhna. Ron uairsin, chan fhaighear ann ach air chois neo le bàt'-iasgaich.
B' e iasgairean Scalpaigh bu mhotha a bhiodh a' tarraing ghnothaichean air ais agus air adhart a Reinigeadal agus a bhiodh a' dèanamh cobhair orra cuideachd. Anns a' phrògram, tha Christine a' coinneachadh ri Coinneach MacAoidh à Reineageadal agus dithis de dh'iasgairean Scalpaigh; Dòmhnall Iain Choineagean agus Alasdair MacLeòid.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 13 Jan 2013 10:00