This programme is not currently available on BBC iPlayer Radio

Dèanamaid Adhradh Tasglann

Anns an t-seirbheis à tasglann a' BhBC air an t-seachdain seo cluinnidh sibh na sailm a leanas a chaidh an clàradh ann an Eaglais Shaor Steòrnabhaigh:

Salm 102: 25-28 air fonn Martyrdom, os cionn na seinn Alasdair Greumach
Salm 09: 7-9 air fonn New Cambridge, os cionn na seinn D R Dòmhnallach

Leughadh: Leabhar nan Eabhraidheach 13: 1-15
Ceann-teagaisg: Leabhar nan Eabhraidheach 13: 8

Rugadh Mgr MacLeòid ann an Nis ann an 1935 far an robh athar, an t-Urr Alasdair MacLeòid, na mhinistear aig an àm.

Chaidh Mgr MacLeòid gu Oilthigh Obar Dheathain agus às an sin gu Colaiste na Diadhachd aig an Eaglais Shaor ann an Dùn Èideann. Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1966 ann an sgìre Drumchapel ann an Glaschu. Aig toiseach nan seachdadan ghluais e gu sgìre Inbhir Pheofharain agus às an sin gu Eaglais Nam Manach Liath ann an Inbhir Nis. Ann an 1984 chaidh a ghairm air ais chun na dùthcha aige fhèin, gu bhith na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh agus bha e na Mhoderator air an Àrd Sheanadh ann an 1995, a' bhliadhna a bhàsaich e .

Bha ùidh mhòr mhòr aig Mgr MacLeòid ann am ball-coise na òige agus a rèir choltais na dheagh chluicheadair nuair a bha e na bhall de sgioba ball-coise Sgoil MhicNeacail. Bha nàdar spòrsail aige cuideachd agus bha e ainmeil airson a bhith toirt a' char às a charaidean agus luchd-eòlais.

Bha e na shearmonaiche air leth anns a' Ghàidhlig agus a' Bheurla. Bha e mothachail air na h-atharrachaidhean a bha gabhail àite taobh a-staigh na h-eaglaisean ann an Alba agus anns an eilean aige fhèin agus bha dòigh air leth aige ann a bhith dèiligeadh ri cùisean nuair a dh'fhàsadh an suidheachadh doirbh.

Cho fad 's a bha e na mhinistear ann an Steòrnabhagh, ghabh e sùim mhòr anns an òigridh agus rinn e atharrachaidhean anns an obair a bha an eaglais a' dèanamh nam measg. Ri linn seo chaidh toiseach tòiseachaidh a dhèanamh air talla eaglais a thogail. Tha an talla sin ann an-diugh agus air ainmeachadh mar chuimhneachan air fhèin.

Bhàsaich Mgr MacLeòid san Dàmhair 1995, a' fàgail bean agus sianar theaghlach.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 6 Jan 2013 21:00

An t-Urramach Murchadh Ailig MacLeòid nach maireann

An t-Urramach Murchadh Ailig MacLeòid nach maireann

An t-Urramach Murchadh Ailig MacLeòid nach maireann

An t-Urramach Murchadh Ailig MacLeòid nach maireann

An t-Urramach Murchadh Ailig MacLeòid nach maireann

An t-Urramach Murchadh Ailig MacLeòid nach maireann