This programme is not currently available on BBC iPlayer Radio

Miughalaigh

"Far an tug mo mhàthair ghràidh
A dh'àireamh chlann nan daoine mi
Is far an iarrainn fois a' bhàis
Nam biodh e 'n dàn dhomh fhaotainn ann"

A' bhàrdachd aig Niall Mac-a-Phì anns an òran a sgrìobh e do dh'Eilean Mhiughalaigh. Tha Alison NicAnnain, iar-ogha Nèill Mhic-a-Phi (An Sgoilear, mar a bh' ac' air ann am Miughalaigh) a' dèanamh taghadh de chuid de na sgeulachdan agus na h-òrain ris an do dh'èist i an tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba. Tha Alison air a bhith sàs ann am foghlam aig àrd-ire iomadh bliadhna agus mar phàirt den chùrsa bha aice ri tràchdais a chuir ri chèile. Airson an tràchdas mu dheireadh aice thagh i cuspair gu math freagarrach a thaobh càan agus dualchas. Sa bhliadhna a bhathar a' cuimhneachadh gu robh ceud bliadhna bhon a dh'fhàg an teaghlach mu dheireadh an t-eilean, thagh i Eilean Mhiughalaigh. Tha Alison air taghadh a dhèanamh bho na sgeulachdan agus na h-orain a chual' i anns an tasglann agus cluinnidh sinn iad anns a' phrògram seo.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 8 Dec 2013 10:00

Alison NicAnnain

Alison NicAnnain

An taigh aig Niall Mac a' Phì

An taigh aig Niall Mac a' Phì

Alison còmhla ri mathair agus a piuthar Meg aig taigh an sin-seanair

Alison còmhla ri mathair agus a piuthar Meg aig taigh an sin-seanair