iPlayer Radio What's New?
Image for Dèanamaid Adhradh

Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Last on

Duration:
30 minutes
First broadcast:
Sunday 16 December 2012

Anns an t-seirbheis à tasglann a' BhBC air an t-seachdain seo cluinnidh sibh seirbheis a chaidh a chlàradh còmhla ris an Urr Calum MacMhathain, nach maireann, ann an 1987 nuair a bha e na mhinistear ann an Eaglais Shaor Shiaboist.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is leughadh a leanas:

Salm 111 air fonn London New agus Salm 73 air fonn Stornoway, os cionn na seinn a chaidh a thogail ann an Eaglais Shaor Steòrnabhaigh bha DR Dòmhnallach.

Leughadh: 1 Timoteus 2: 1-11
Ceann teagaisg: 1 Timoteus 2: 5

Rugadh Calum MacMhathain ann an 1948 agus cha robh anns an teaghlach ach e fhèin. Chaidh àrach ann a Steòrnabhagh agus bha e am measg buidheann bhalach aàs a' bhaile air an robh na Torquil Terrace Boys.

Chaidh oideachadh ann am bun-sgoil Steòrnabhaigh agus Àrd-Sgoil MhicNeacail agus dh'fhàg e an sgoil aig sia bliadhna deug. Chaidh e an uairsin a Lunnainn far an d'fhuair e obair san t-Seirbhis Chatharra.

Bha guth sònraichte làidir aig Calum agus bha sin gu math follaiseach bho làithean òige. Nuair a bha e anns a' bhun-sgoil bhuannaich e am bonn òr aig a' Mhòd Ionadail airson seinn agus bha ùidh mhòr aige anns a' Ghàidhlig agus ann a bhith ga dìon.

Thòisich Calum air beatha Chriosdail a' leantainn nuair a bha e ann a Lunnainn agus le càirdeas is coibhneas bho Ghàidheil Lunnainn thàinig e gu bhith na bhall dhan choitheanal anns an Eaglais Shaor a sin. Bha ùidh mhòr aige anns na h-òraidean aig an Dr Martainn Lloyd Jones agus bha e na bhall dhan chòisir nuair a bha Billy Graham a' searmonachadh ann a Lunnainn. 'S ann a Lunainn a thòisich Calum a' searmonachadh an toiseach.

Aig fìor dheireadh na trì ficheadan ghluais e a Ghlaschu far an robh e na bhall do choitheanal Eaglais Shaor Bhaile Ghobhainn agus 's ann nuair a bha e an sin a fhuair e stiùireadh airson a dhol a-staigh airson na ministrealachd. Nuair a dh'fhàg Calum an sgoil cha robh e air deuchainn a dhèanamh aig àrd-ìre agus le sin b'fheudar dha a dhol gu clasaichean oidhche. Rinn e adhartas air leth le foghlam aig àrd-ìre agus fhuair e teisteanas san oilthigh airson litreachas agus eachdraidh na h-Alba. A bharrachd air an sin bha e a' gabhail clasaichean prìobhaiteach airson a Ghàidhlig aige a leasachadh. Chaidh Calum gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann bho 1977 gu 1980 agus chaidh a phòsadh ri coitheanal Shiaboist far an robh e na mhinistear airson aona bliadhna deug. Fhuair e gairm gu Eaglais Shaor Greyfriars ann an Inbhir Nis ann an 1991 far an do bhrosnaich e an coitheanal ann an iomadach dòigh ach gu mì-fhortanach às dèidh trioblaidean-lannsa bhàsaich e ann an 1992.

Bidh cuimhn' aig mòran air Mgr MacMhathain mar shearmonaiche air leth - duine mòr agus meas mòr aig daoine air. Bhiodh e tric ri chluinntinn ag ràdh "Tha an Tighearna math, Oh tha an Tighearna math.".

Broadcasts

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss