Sorry, this episode is not currently available

Strì an Fhearainn/The Land Raiders

Trusadh, Series 5 Episode 5 of 18

Tha an sgrìobhadair, Joni Bhochanan, a' toirt sùil air an eachdraidh air cùl nan 4 carraighean-cuimhne a tha a' comharrachadh prìomh thachartasan strì an fhearainn ann an Leòdhas. Tachartasan a thug fìor chrathadh air an t-siostam, agus a thug atharrachadh air an lagh aig a' cheann-thall, agus an ceann ùine an ath-leasachadh air an fhearann a th' againn an-diugh.

Ann an 2012 thòisich obair air a' 4mh fear dhiubh, cuimhneachan snaighte àraid, ùr, Sùileachan - pròiseact sònraichte coimhearsnachd ann an Uig a tha a' comharrachadh na strì a rinn na ginealaichean a dh' fhalbh an aghaidh am fuadachd, na h-oidhirpean a chaidh a dhèanamh am fearann fhaighinn air ais, agus iadsan a ghabh cùisean nan làmhan fhèin - Ruaigearan na Riobhadh.

Am measg an fheadhainn ris na choinnich Joni, Dòmhnall Iain "Finn" Moireasdan ann an Uig - ogha aon de na ruaigearan; agus an eachdraiche, An t-Oll. Seumas Mac an t-Sealgair a th' air mòran a sgrìobhadh mu eachdraidh an fhearainn an-còmhnaidh bho shealladh sluagh na Gàidhealtachd. Tha an neach-ealain cliùiteach, Will MacIlleathain, a dhealbhaich na 4 carraighean-cuimhne cuideachd ag innse mu na bhrosnaich e le gach fear dhiubh.

Join writer Joni Buchanan, as she explores the history behind the four landmark monuments commemorating key land struggle events in Lewis. These events shook the establishment to its very core and resulted in new legislation that ultimately led directly to the recent land reforms.

Amongst those who Joni met, Donald John 'Finn' Morrison in Uig, whose grandfather was one of the raiders; and historian, Dr Jim Hunter, who has written extensively on the history of the Clearances and Land Struggles from the perspective of the Highland people.

1 hour

Last on

Mon 13 Oct 2014 21:00
Added. Check out your playlist Dismiss