iPlayer Radio What's New?
Image for Dèanamaid Adhradh

Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Dèanamaid Adhradh

Duration:
30 minutes
First broadcast:
Sunday 09 December 2012

An act of worship.

  • An t-Ollamh Urramach Tormod MacÌomhair

    An t-Ollamh Urramach Tormod MacÌomhair

    Rugadh Tormod MacÌomhair  ann an Glaschu ann an 1941.  Bhuineadh athar do sgìre Chàrlabhaigh agus a mhàthair do sgìre Leumrabhagh.  Bha triùir bhalach san teaghlach agus b’ e Tormod  a bu shine.  Thòisich e anns an  sgoil ann an Glaschu agus bha e fhèin agus Irene (a’ bhean aige )air an aona chlàs aig an àm sin san aon sgoil.

    Ghluais an teaghlach a Leòdhas nuair a bha e sia bliadhna a dh’aois agus chaidh iad a dh’fhuireach a Chàrlabhagh  far an robh athar dol a dh’obrachadh croit a theaghlaich.    Bhàsaich athar nuair a bha Tormod deich bliadhna a dh’aois agus ghluais a mhàthair san teaghlach air ais a Ghlaschu bliadhna an dèidh sin.  Chaidh iad air ais a dh’fhuireach dhan  aon taigh san robh iad roimhe sin agus  a’ frithealadh an aon eaglais agus sgoil.

     

    Chaidh Mgr  MacÌomhair  gu Àrd-Sgoil Woodside airson foghlam aig àrd ire agus am measg nan cuspairean a bhathar a’ teagasg san sgoil sin aig an am bha a’ Ghàidhlig.    Cho fad ‘s a  bha e san sgoil fhuair e urram Caiptein na sgoile.   Chaidh e an uairsin gu Oilthigh Ghlaschu airson ùine  ghoirid agus an dèidh sin fhuair e cosnadh ann an gnìomhachas àrachais.  Thug Irene a-mach àrd dhreuchd na banaltram.  Ann an 1963 phòs iad, bha ceathrar chlann-nighean aca agus cheumnaich e fhèin à Oilthigh Chaledonia  ann an Glaschu.

    Ann an 1970 chaidh Mgr MacÌomhair air ais dhan oilthigh agus e nise a’ leantainn dreuchd na ministrealachd .  Cheumnaich e le MA agus BD à Oilthigh Ghlaschu  ann an 1976 agus thug e mach dreuchd ministear.  Chaidh a phòsadh ri coitheanal Paraiste Newhills ann an Obar Dheathain ann an 1976 agus bha e a’ frithealadh an aon choitheanal gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2006.

     

    Cho fad sa bha e na mhinistear ann an Newhills bha e gu mòr a’ sàs ann an obair ministrealachd aig ire nàiseanta agus eadar-nàiseanta.  Bhiodh e a’ siubhail gu àiteachan fad às mar na Philippines, Thailand, Brazil, Hungary, Israel  agus na Stàitean Aonaichte.  Bha e na àrd-stiùiriche aig Eaglais na h-Alba ann a bhith taghadh dhaoine a bha freagarrach airson a dhol a-staigh airson na ministrealachd.   Bha e  cuideachd na bhall air iomadach comataidh eile , nam measg Comhairle an Àrd Sheanadh far an robh e na neach-gairm air Comataidh a’ Chonaltraidh agus Comataidh na Gàidhlig .  Bha e cuideachd na Mhodaràtor air clèir Obar Dheathain ann an 1988.  Cheumnaich Mgr MacÌomhair   le Urram Dotaireachd bho Seminary Diadhachd Pittsburgh an co-phàirteach ri Oilthigh Obar Dheathain ann an 2003.  Tha e an-diugh na riaghladair air Colaiste  Diadhachd na Gàidhealtachd agus air a’ bhuidheann Forward Together.    

    As dèidh dreuchd paraiste a leigeil seachad chaidh Mgr MacÌomhair agus a bhean Irene air cuairt tri mìosan air feadh an t-saoghail.   Bidh e fhathast a’ searmonachadh ann am paraistean faisg air fhèin ann an sgìre Ghòrdain, agus bho chionn dà bhliadhna bha e ri chluinntinn a’ searmonachadh ann an Nassau anns na Bahamas.    Shearmonaich e cuideachd air bàtaichean-cruise anns a’ Charibbean agus chualas e a’ seinn anns a’ Ghàidhlig air na tursan aige. 

     

    Mar a thuirt e fhèin  “Tha mi air mo bheannachadh , tha mi slàn fallain,  tha bean gràdhach agam  (leth cheud bliadhna pòsta an ath-bhliadhna)  ceathrar chlann-nighean agus iad uile pòsta agus dusan ogha àlainn – agus cuideachd fhathast  air chothrom a bhith toirt seirbheis do Dhia”.

Broadcasts

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss