Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

09/12/2012

Ann an Dèanamaid Adhradh air an t-seachdain seo cluinnidh sibh na sailm is leughadh a leanas:

Salm 103: 1-2 air fonn Dundee, os cionn na seinn an t-Urramach Niall Seathach le taic cho Choitheanalan Eaglais Leòdhais agus na Hearadh air a chlàradh ann an Eaglais Shaor a' Bhac.

Salm 89: 15-16 air fonn Torwood, os cionn na seinn tha Alasdair MacLeòid le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor Shnìsoirt.

Salm 09: 1-2 air fonn Montrose, os cionn na seinn tha Iain Murchadh Màrtainn le taic bho Luchd seinn nan sailm nuair a bha iad air chuairt ann an Cathair-eaglais Poll a' Ghrùthain.

Leughadh: Marcus 10: 46-52
Ceann teagaisg: Marcus 10: 51-52.

30 minutes

Last on

Sun 1 Sep 2013 15:00

An t-Urramach Donnchadh MacLeòid

An t-Urramach Donnchadh MacLeòid

Rugadh an t-Urr Donnchadh MacLeòid ann an Càrlabhagh ann an 1954. Chaidh oideachadh ann am Bun Sgoil Chàrlabhaigh, Sgoil MhicNeacail agus Oilthigh Obar Dheathain mus deach e a-steach airson na ministrealachd.

Na òige ann an Càrlabhagh, 's e glè bheag do Bheurla a bh’aige – na chuimhne fhèin 's e na ciad fhacail Beurla a thuirt e nuair a bha e anns an sgoil “please Miss may I leave the room?”.

Bha agus tha ùidh mhòr aig Donnchadh anns a' chànan agus anns a' chultar agus 's e obair neach teagaisg Gàidhlig a' chiad obair a bh’aige as dèidh ceumnachadh à Oilthigh Obar Dheathain. Bha e a' teagaisg son ùine ann an sgoiltean Uibhist, ann an Dalabrog agus ann an Paibeil. Chaidh Donnchadh air ais dhan Cholaiste ann an 1980 – an turas seo gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire son dreuchd ministeir a thoirt a-mach.

Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1983 ann am Bun Illidh agus bha e an sin gu 1996 nuair a chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Pheairt far an robh e airson mu chòig bliadhna deug. Ann an 2011 chaidh Mgr MacLeòid a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Dhòrnaich.   Bha Mgr MacLeoid cuideachd airson deich bliadhna na fhir deasachaidh na Colbh Ghaidhlig air an iris mhìosail “Monthly Record”.

Bha agus tha ùidh mhòr mhòr aig Mgr MacLeòid ann am ball coise agus gu sònraichte ann an sgioba bhall coise Partick Thistle - tha e pòsta aig Mòrag à Scalpaigh agus tha triùir theaghlach aca.

Added. Check out your playlist Dismiss