iPlayer Radio What's New?
Image for Sasannach Ghrialainn

Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Last on

Duration:
30 minutes
First broadcast:
Tuesday 27 November 2012

Rugadh Ailean Caimbeul MacIlleathain bho chionn 90 bliadhna, ann an ceann a tuath Shasainn. Ach thàinig e dh'fhuireach a bhaile Ghrialainn san Eilean Sgiathanach ann an 1948. Sgrìobh e iomadach leabhar is nobhail fhads a bha e air an eilean - a mhòr-chuid do chloinn. B' e The Hill of The Red Fox an sgeulachd as ainmeile a sgrìobh e, stèìdhichte ann a' sgìre Sgurr a' Mhadaidh Ruaidh air an Taobh Sear. Anns a' phrògram seo, cluinnear mun duine fhèin 's mu na leabhraichean aige agus bidh muinntir an eilein a' toirt seachad an cuimhneachain air Sasannach Ghrialainn, mar a bh'aca fhèin air. Tha am prògram ga chraoladh air BBC Radio nan Gaidheal mar phàirt de Sheachdainn Leabhraichean Alba.

  • Ailean agus an teaghlach

    Ailean agus an teaghlach

     

  • Dachaigh an teaghlaich ann am baile Ghrialainn

    Dachaigh an teaghlaich
  • Còmhla ri caraidean

    Còmhla ri caraidean
  • Sgrìobhadh

    Ailean Caimbeul MacIlleathain
  • Mark Wringe 's Ailean Caimbeul

    Mark Wringe 's Ailean Caimbeul
  • Ailean Caimbeul MacIlleathain

    B’e The Hill of The Red Fox an leabhar as ainmeile a sgrìobh Ailean Caimbeul MacIlleathain. Anns an sgeulachd seo, tha gille òg a’ siubhal leis fhèin a-nuas à Lunnainn a dh'fhuireach còmhla ri càirdean anns an Eilean Sgitheanach.  'S e àm a' Chogaidh Fhuair eadar dùthchannan siar agus an Ruis a th’ann,  agus fiù 's mus ruig an gille a cheann ùidhe, tha e ga fhaighinn fhèin air a chuairteachadh le cealgaireachd is cunnart!<?xml:namespace prefix = o ns = "urn:schemas-microsoft-com:office:office" />

     

    Sgrìobh Ailean Caimbeul MacIlleathain còig leabhar deug uile gu lèir - dòrlach nobhailean detective is murt do dh'inbhich, a leithid The Mask of Fear agus The Carpet Slipper Murder. Ach 's e na leabhraichean cloinne a bha stèidhichte san Eilean Sgitheanach a choisinn cliù dha. 

     

    Ach cha b’e  Sgitheanach a bh’ann fhèin.  Rugadh is thogadh Ailean ann an ceann a tuath Shasainn; an duine a b' òige ann an teaghlach de ochdnar.  Bha athair 's a mhàthair air gluasad à Glaschu gu gàrraidhean iarainn Barrow in Furness.

     

    B' e balach geur a bh' ann san sgoil, agus choisinn a liut le peann cothrom obrach dha,  ann an oifis an àite a dhol a dh'obair sna garraidhean iarainn còmhla ri chomhaoisean.   Thàinig an dàrna cogadh, agus chaidh Ailean gu Feachd an Adhair.  Ghabh e gràin air cogadh.  Chuir na thachair dha ann am prìosan airm anns an Ostaire uamhas air - agus sgrìobh e nobhail fheargach mu dheidhinn, a' cleachdadh facal a bha aig na feachdan dhan phrìosan ann an tiotal an leabhair - The Glasshouse.

     

    Nochd sgeulachdan goirid bhuaidhe anns an Daily Mirror ann an 1946 agus ann an deifear irisean eile san duthaich seo fhèin agus ann an Amerigaidh.

     

    Dà bhliadhna an dèidh a' Chogaidh phòs e tè à Lunnainn, Mairead White, agus chaidh iad a dh'fhuireach ann an Kent.  Ach cha robh ceann a deas Shasainn a' tighinn ri càil Ailein.

     

    Bha’ n sinnsreachd aige ga cheangal ri sgìre Inbhir Nis agus ri Muile. Dh'fhairich e tarraing ris a' Ghaidhealtachd agus na h-eileanan.  Agus b' e sin a dh'fhàg gun tug e a bhean Mairead, agus an leanabh ùr Aonghas gu croit ann am baile Ghrialainn anns an Eilean Sgitheanach ann an 1948. Rugadh dithis chloinn’ eile dhaibh, Catriona agus Alasdair anns an Eilean Sgitheanach.

     

    Cha robh mòran choigrich anns an eilean aig an am sin agus b’e Sasannach Ghrialainn a chaidh a thoirt air Ailean mar far-ainm!

     

    'S e duine ealanta, lèirsinnneach, èibhinn, geur a bh' ann an Ailean.  Bha ùidh mhòr aige ann an cultar, ann am poileataigs, agus ann an daoine.  Bha e math air ceangal a thogail ri daoine is miadhail air cuideachd.  Agus bhlàthaich na Sgitheanaich ris fhèin! 

     

    Bha e tàmh san eilean airson seachd bliadhna deug, ann an Grialainn air an Taobh Sear agus greiseag ann an Ùig.

     

    B’ann ma chuairt an Taobh Sear a bha mòran de na sgeulachdan aige steidhichte, fo sgàile Sgurr a Mhadaidh Ruaidh bhon do tharraing e an tiotal, Hill Of The Red Fox. Agus bha muinntir na sgire gu tric a nochdadh anns na leabharaichean aige!

  • Leabharaichean Ailean Caimbeul MacIlleathain

    The Mask of Fear  (bhon t-ainm ughdar, Ross Alexander. 1946/47) 

    The Secret of Dewberry Farm  (air a sgrìobhadh còmhla ris a bhean Mairead, mar Peter and Margaret Meiklejohn. 1947)

     

    The Hill of the Red Fox (1955)

     

    The Man of the House (bhon tiotal Storm over Skye ann an Amerigaidh. 1956/57) 

     

    The Carpet Slipper Murder (1956)

     

    Death on All Hallows (1958)

     

    Deadly Honeymoon (1958)

     

    Murder by Invitation (1959)

     

    Master of Morgana (1960)

     

    Stand In For Murder (1960)

     

    The Islander (1962)

     

    Ribbon of Fire (1962)

     

    A Sound of Trumpets (1966/67)

     

    The Glass House(1968/69)

     

    The Year of the Stranger (1971)

Featured in...

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.