Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Last on

Sun 2 Dec 2012 14:55

Litir 698: Coilltean-calltainn - Pàirt 2

Tha a’ chraobh-challtainn gu math sònraichte dhuinn mar Ghàidheil. Tha ceangal làidir aice ri beul-aithris agus seann sgeulachdan na Fèinne. Bha ar sinnsirean measail air na cnothan. Agus bha iad a’ cleachdadh an fhiodha airson iomadach rud. Am measg sin, bha iad a’ dèanamh gual-fiodha dheth.

            Far an robhar a’ dèanamh gual-fiodha – de challtainn no darach – tha sinn a’ smaoineachadh gun robhar a’ dèanamh preasarlach dhen choille. ’S e preasarlach no preas-choille a’ Ghàidhlig air coppice no coppiced woodland. ’S e sin suidheachadh far a bheil iomadh stoc beag aig na craobhan, seach aon stoc mòr. Bithear a’ leagail cuid de na stocan ach bidh feadhainn eile a’ nochdadh nan àite. Ach an robh na Gàidheil a’ dèanamh uiread de phreasarlach anns na coilltean-calltainn ’s a bha sinn a’ smaoineachadh?

            Tha mi a’ cur na ceist oir thàinig leabhar inntinneach a-mach o chionn ghoirid air a bheil Atlantic Hazel: Scotland’s Special Woodlands. Tha ùghdaran an leabhair a’ cumail a-mach nach eil a’ chuid as motha againn a’ tuigsinn mar a tha coilltean-calltainn ag obair. Tha sin a’ gabhail a-steach luchd-glèidhteachais, eag-eòlaichean choilltean agus manaidsearan oighreachdan.

            Tha iad ag ràdh gu bheil daoine anns an fharsaingeachd a’ creidsinn ceithir rudan mun chraoibh-challtainn. ’S e sin gum bi i gu nàdarrach a’ fàs fo chraobhan eile a tha nas motha, is nach bi i na craoibh as àirde anns a’ choille. Cuideachd, far a bheil craobhan-calltainn a tha iomadh-stocach, seach aona-stocach, gur e mac-an-duine as coireach ri sin. Creididh sinn gum bàsaich craobhan-calltainn mura tèid an dèanamh nam preasarlaich. Agus, mura tèid preasarlach a dhèanamh dhith, gun tig aona stoc mòr air craobh-challtainn. Tha ùghdaran an leabhair ag ràdh gu bheil a h-uile gin dhiubh seo ceàrr. Chan eil sinn a’ tuigsinn, tha iad ag ràdh, rud a tha fo ar sròinean fhèin.

            Tha na h-ùghdaran, Sandy agus Brian Coppins, ag ràdh gum bi craobhan-calltainn, gu seachd àraidh an fheadhainn a tha a’ fàs air taobh an iar na h-Alba – Coilltean a’ Chuain Siar mar a chanas iad riutha – gu nàdarrach iomadh-stocach. Chan eil preasarlach a’ tighinn a-steach don ghnothach. Às aonais mac-an-duine, bhiodh ar coilltean-calltainn làn chraobhan-calltainn iomadh-stocach. ’S dòcha gur e ‘preasan-calltainn’ a bhiodh againn orra, seach ‘craobhan-calltainn’, co-dhiù, ma tha sinn a’ tomhas craobh mar rud le aona stoc a-mhàin.

            Ach, bidh sibh ag ràdh, tha mise eòlach air coilltean far a bheil na craobhan-calltainn nan craobhan, le dìreach aona stoc mòr air gach tè aca. A, uill, tha Sandy is Brian Coppins ag ràdh nach e suidheachadh nàdarrach a th’ ann an sin. ’S e ionaltradh a dh’adhbharaicheas sin – ionaltradh le caoraich agus fèidh. Nuair a chuirear stad air an ionaltradh, bidh na craobhan a’ dol air ais gu bhith iomadh-stocach.

            Chithear sin, mar eisimpleir, ann an Coille Loch a’ Mhuilinn ann an Eadar-Dhà-Chaolas. Cho luath ’s a chaidh feansa a chur an-àirde timcheall pàirt de choille-challtainn airson fèidh a chumail a-mach, thòisich stocan ùra a’ fàs bho fhreumhaichean nan craobh. Thachair e gu luath. ’S e dìreach ionaltradh a bha a’ cur stad orra bho bhith a’ fàs.

            Tha na h-ùghdaran cuideachd ag ràdh nach eil e fìor gu bi calltainn a’ fàs gu nàdarrach a-mhàin mar phreas fo dhuilleach na coille. Bheir sinn sùil air sin an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach

craobh-challtainn: hazel tree; gual-fiodha: charcoal; darach: oak; Coilltean-challtainn a’ Chuain Siar: The Atlantic Hazelwoods; às aonais: without; Eadar-Dhà-Chaolas: Eddrachillis (NW Sutherland).

Abairtean na Litreach

seann sgeulachdan na Fèinne: the old Fingalian stories; measail air na cnothan: keen on the nuts; bha iad a’ cleachdadh an fhiodha airson iomadach rud: they were using the wood for many things; gun robhar a’ dèanamh preasarlach dhen choille: tha the wood was being coppiced; far a bheil iomadh stoc beag aig na craobhan, seach aona stoc mòr: where the trees are multistemmed rather than single trunked; a’ leagail cuid de na stocan: felling some of the stems; a’ nochdadh nan àite: appearing in their stead; a’ gabhail a-steach luchd-glèidhteachais, eag-eòlaichean choilltean agus manaidsearan oighreachdan: including conservationists, woodland ecologists and estate managers; nach bi i na craoibh as àirde anns a’ choille: it’s not the tallest tree in the wood; gur e mac-an-duine as coireach ri sin: that man is responsible for that; rud a tha fo ar sròinean fhèin: something that’s under our noses; gu seachd àraidh an fheadhainn: particularly the ones; a’ tomhas craobh mar rud le aona stoc a-mhàin: classifying a tree as something with only one trunk; cho luath ’s a chaidh feansa a chur an-àirde: as soon as a fence was erected; airson fèidh a chumail a-mach: to exclude deer; ’s e dìreach ionaltradh a bha a’ cur stad orra bho bhith a’ fàs: it’s just grazing that was stopping it from growing; a-mhàin mar phreas fo dhuilleach na coille: only as a shrub under the canopy of the forest.

Puing-chànain na Litreach

Creididh sinn gum bàsaich craobhan-calltainn mura tèid an dèanamh nam preasarlaich. Agus, mura tèid preasarlach a dhèanamh dhith, gun tig aona stoc mòr air craobh-challtainn: we believe that hazel trees die if they are not coppiced. And, if it is not coppiced, that a hazel tree will develop a single trunk. Do you notice that the verbal forms above (in bold) are all ‘future active’. Well that’s not precisely so, as the ‘future’ verbal form can also represent the ‘present habitual’, sometimes translated into English with a present tense form of the verb. 

Gnàthas-cainnt na Litreach

’S e ionaltradh a dh’adhbharaicheas sin: it’s grazing that causes that.

 

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

All letters

Litir do Luchd-ionnsachaidh 17

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Ruairidh

Letter To Gaelic Learners

Added. Check out your playlist Dismiss