iPlayer Radio What's New?
Image for 25/11/2012

Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

25/11/2012

Duration:
30 minutes
First broadcast:
Sunday 25 November 2012

'S e an t-Urr Raghnall Moireasdan, a tha na mhinistear san Eaglais Shaor, a tha searmonachadh ann an Dèanamaid Adhradh air an t-seachdain seo.

Anns an t-seirbheis, cluinnidh sibh na sailm is leughadh a leanas:

Salm 22: 22-24 air fonn Coleshill. Os cionn na seinn - an t-Urr Calum Moireasdanle taic bho Choitheanal Eaglais Shaor Partick Highland

Salm 21: 5-6 air fonn Kilmarnock. Os cionn na seinn - Murchadh Moireasdan le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor Partick Highland

Salm 45: 2-3 air fonn Evan. Os cionn na seinn - Alasdair Greumach le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor a' Bhac

Leughadh : Leabhar an Taisbeanaidh 1 : 1-8

Ceann-teagaisg: Leabhar an Taisbeanaidh 1: 8.

  • An t-Urr Raghnall Moireasdan

    Bha Mgr Moireasdan na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich agus Manachainn Rois bho 1999 gu 2010.  Ged a tha e air a dhreuchd a leigeil seachad tha e fhathast a fuireach san sgìre. 

    Rugadh Mgr Moireasdan ann an Ceann Loch Iubh ann an 1945. Na òige ghluais an teaghlach gu Ach Ille Bhuidhe far an deach e dhan sgoil an sin airson ùine ghoirid mus do ghluais iad an uairsin a Sgalpaigh ann an 1954. Bha ùidh mhòr aig Mgr Moireasdan ann am bàtaichean agus ann an iasgach agus bha e san àite cheart airson sin ach bha aige cuideachd ri oidhirp mhòr a dhèanamh a' Ghàidhlig ionnsachadh agus thairis air na ceithir bliadhna a bha e ann an sin rinn e an gnothach air sin a dhèanamh.

    À Sgalpaigh chaidh iad a bhaile mhòr Ghlaschu – àite ris a bheil ceangal dlùth aige fhathast agus bha e an sin gus an do dh’fhàg e an sgoil aig còig bliadhna deug.

    As dèidh an sgoil fhàgail bha e ag obair ann an roinn chlò-bhualaidh son ochd bliadhna deug gus an do ghabh teicneòlais thairis cùisean. Nochd diofar obraichean as dèidh sin ach cha do stad e gus an deach e air ais dhan cholaiste agus dhan oilthigh agus cheumnaich e. As dèidh ceumnachadh aig oilthigh Ghlaschu chaidh Mgr Moireasdan gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann son trèanadh a bhith na mhinistear. Fhuair e gairm gu coitheanal Ghriomasaigh agus Uibhist a Tuath – a' chiad coitheanal aige agus tha ceanglaichean làidir aige ris an sgìre fhathast.

    Dh’fhàg e Uibhist as a dhèidh agus shiubhail e na mìltean a-null gu ruige Sydney, Astràilia ann an 1997. Cho fad 's a bha e ann an sin chuir e fhèin agus an t-Urramach Coinneach MacLeòid (à Barabhas ach a tha stèidhichte thall an sin ) air dòigh seirbheis Ghàidhlig agus bha iad gu math fortanach oir bha dithis do bhràithrean Mhgr Mhoireasdain thall air làithean saora aig an àm agus iad le chèile air leth math ann a bhith cur a-mach na loidhne.

    Thill Mgr Moireasdan air ais a dh’Alba ann an  1999 agus chaidh a phòsadh ri coitheanal Bhaile Dhubhthaich far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd.

    Tha Mgr Moireasdan pòsta aig Joan agus tha dithis chloinne aca – Joanne agus John agus ceathrar oghaichean. Nuair a bhios ùine aige dha fhèin is toigh leis a bhith cur seachad ùine còmhla ri na h-oghaichean, a' gearradh an fheòir, a' leughadh 's a' coiseachd agus tha ùidh aige ann an càraichean agus bàtaichean agus cluichidh e Sudoku, uill gu ìre air choreigin co dhiù!!!

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss