Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

23/11/2012

Beachd air a' film 'Silver Linings Playbook' le Marie NicMhathain, reasabaidh airson làithean Geamhraidh le Seonag Nic a' Ghobhainn agus 's ann air Amsterdam a tha Daibhidh Byrne a' bruidhinn an-diugh. bbc.co.uk/feasgar.

Release date:

1 hour, 27 minutes

Last on

Fri 23 Nov 2012 12:03

Stiubha le cnapan taois

1 punnd staoig air a ghearradh na chnapan

1 uinnean air a ghearradh

2 no 3 churrain air an gearradh nan cnapan (faodar lusan sam bith a’ chleachdadh mar seilearaidh, sneap no fiùs buntàta ùr)

1 spàinn mhòr ola

Pinnt stoc no bùrn

 

An Stiubha

Praighig an fheòil gus am bi e soilleir donn agus cuir gu aon taobh e gu rithist.  Praighig na h-uinneanan agus na lusan gus am bi iad soilleir donn. Cuir an fheòil air ais dhan phana an cois an stoc (no am bùrn) agus goil gu socair airson 2 gu 3 uairean a thìde gus am bi an staoig air maothachadh.  No faodaidh tu a chuir ann an soitheach agus a chuir dhan àmhainn (350F / 180C/ Gas 4)

 

Cnapan taois (doughballs)

8 unnsaichean flùr-èirigh

1 uinnean beag air a’ ghearradh gu mìn

1 spàinn peirsill (Parsley) air a’ ghearradh gu mìn

1 ugh air a bhualadh

½ unnsa ìm air a leaghadh le spàinn mhòr de bhainne

Salainn agus piobar

 

Cuir an flùr ann am bobhla tro shìoltachan, Cuir ris an t-uinnean, am peirsill, an salainn agus am piobar.  Measgaich an t-ugh agus am bainne còmhla agus dòirt dhan bhobhla flùr agus measgaich gus am bi e na thaois.

Tighich sùgh an stiubha agus thoir am pana bhon teas  (no thoir a mach as an àmhainn e).Dèan cnapan cruinn den taois mu mheud spàinn mhòr (tha seo nas fhasa a’ dhèanamh ma tha do làmhan fluich).

Cuir na cnapan taois air uachdar an stiubha (ma tha thu a‘ dèanamh an stiubha ann am pana cuir foil air uachdar mus cuir thu an ceann ann agus cumaidh seo a’ mullach air teann.

Bruich e airson 20-30 mionaidean eile gus am bith na cnapan taois air èirigh.

Ma tha thu airson na cnapan taois a’ ròstadh san àmhainn na cuir an ceann air an t-soitheach.

Crumbail Pluma Spìosrach

Crumbail Pluma Spìosrach

1½ punnd pluma air an gearradh nan dà leth

1 spàinn mhòr  siùcar donn (bog)

An Crumbail

6 unnsaichean flùr-èirigh

3 unnsaichean ìm

4 unnsaichean cnòthan-calltainn (hazelnuts) air an gearradh

4 unnsaichean siùcar Demerara

2 spàinn-tì rèidh do chaineal (cinnamon)

 

Measgaich a’ flùr, an t-ìm, an siùcar agus an caineal le inneal prannaidh gus am bi e na ghràinneagan.  Cuir ris na cnòthan agus measgaich airson diog no dha. 

Liacraich soitheach àmhainn (7” x 11” no soitheach cruinn 9”) le ìm.  Cuir leth na plumaichean agus an siùcar donn ann. Crath an crumbail air uachdar  agus cuir dhan àmhainn e aig 200C/400F/Gas 6 airson 35-40 mionaid. 

Ithe e le custard no bàrr.

Pluma Spìosrach le Iogart Grèigeach

1 ½ punnd pluma

½ gu ¾ pinnt fìon dearg no sùgh ùbhal

2 spaìnn mhòr siùcar (siùcar donn no vanilla)

I bhioran caineal (cinnamon stick)

6 clòmhan

½ cnò-mheannt (nutmeg) air a ghearradh gu mìn

 

Cuir 1½ punnd de phluma ann an pana mhòr.  Cuir ris ½ gu ¾ pinnt fìon dearg (faodar  sùgh ùbhal no bùrn fhèin a chleachdadh).  Cuir ris an siùcar,an caineal, an clòmh agus an cnò-mheannt.

Goil gu socair air teas iosail e airson 20-30 mionaid gus a bheil na plumaichean bog.

Ithe blath no fuar e le spàinn no dha do iogairt tiugh Grèigeach agus steall beag de mhil.

Cumaidh seo fad seachdainn ann a’ fuaradair .  Gu dearbha mar is fhaide a dh’fhàgar  e ‘s ann as blasta a bhios e.