Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

11/11/2012

'S e an t-Urramach Eachann MacCoinnich a tha na mhinistear san Arm a tha searmonachadh ann an Dèanamaid Adhradh air an t-seachdain seo.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is a' leughadh a leanas:

Salm 90: 15-16 air fonn London New, os cionn na seinn Iain MacDhunlèibhe le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor Stafain.

Salm 116: 1-2 air fonn Torwood, os cionn na seinn Tromod MacIlliosa le taic bho Bhuidheann Salmadaireachd Chille Mhoire.

Salm 16: 5-7 air fonn London New, os cionn na seinn Eòin Dòmhnallach le taic bho Choitheanal Chille Mhoire.

Salm 84: 5-7 air fonn Moravia, os cionn na seinn Coinneach Macleòid le taic bho Bhuidheann Salmadaireachd Chille Mhoire.

Leughadh : Litir Phòl a-chum nan Ròmanach, C.8.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 11 Nov 2012 15:00

An t-Urr Eachann MacCoinnich

An t-Urr Eachann MacCoinnich

Tha Eachann MacCoinnich na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba agus an-diugh na Phadre anns an Arm. Chuir e seachad còrr is trì bliadhna cuide ris na Highlanders is tha e a-nis ann an Colchester an Sasainn. Boinidh Eachann do sgire Chille Mhoire ann an Ceann a Tuath an Eilein Sgitheanaich. Thogadh e ann an Hùnagladar is tha an teaghlach an sin fhathast.

Mus deach a ghairm dhan mhinistrealachd, bha Eachann ag obair bhon taigh do Shabhal Mòr Ostaig, a’ cluich na pìoba aig cèilidhean fad an t-samhraidh is na chroitear. Tha ùidh mhòr aige fhathast ann an obair an fhearainn is gnothaichean dùthchail. A bharrachd air sin, bidh e ag iomain, a’ streap nam beann nuair a bhios cothrom aige, agus ag iasgach. Tha ùidh mhòr aige anns a’ Ghàidhlig is dualchas is eachdraidh nan Gàidheal.

Tha e pòsta aig Sìne is tha dithis nighean aca, Aila agus Minnie.

Aig an taigh

Aig an taigh