Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Episode 1

Anns an dàrna sreath de Na Seann Ghreugaich, tha Dòmhnall Macleòid, a tha air a bheatha-obrach a chur seachad mar saidhgeolaiche, a' leantainn air a' tòirt sùil phearsanta air an dìleab iongantach a dh'fhàg na Seann Ghreugaich againn.

Tha e gar toirt air ais chun a' chòigeamh linn ro Chrìosd, chun Aois Chlasaigeach neo Aois Phericles mar a bha e cuideachd air ainmeachadh.

'S iad na Greugaich a thug dhuinn na Geamannan Oilimpigeach ach 's iad cuideachd a thug dhuinn deamocrasaidh, litreachas, feallsanachd, saidheans, airgead agus dràma an cois iomadach rud eile.

A seo tha Dòmhnall agus Màiri Nicleòid, oileanach a bha a' rannsachadh na seann Ghreugaich, am baile na h-Àithne, far an deach deamocrasaidh a stèidheachadh. Tha iad a' toirt dhuinn beachd air cò ris a bha e coltach a bhith nad Àithneach agus a bhith an luib an siostam ùr a bha seo. Cuideachd tha e a' bruidhinn ri Niall O' Gallagher, fear-naidheachd poilitigeach BBC Alba, agus iad a' dèanamh coimeas eadar an-diugh agus an-dè agus a' togail air cuspairean leithid ostracism agus mar a bha e air a chleachdadh aig an àm.

30 minutes

Last on

Sun 4 Nov 2012 10:00
Added. Check out your playlist Dismiss