Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Cluinnidh sinn cho maireannach sa tha cumhachd hydro, eachdraidh Scotland Yard, beul-aithris co-cheangailte ri fèidh agus reasabaidh mhiorbuilleach airson sitheann a chòcaireachd.

57 minutes

Last on

Thu 1 Nov 2012 21:00

Sitheann le sùgh “port” agus silidh caorann

Sitheann

2 phìos sitheann no 2 shliseag cheathramhan (gigot chops)

25g ìm

1 spàin mhòr ola lus

Salann agus piobair

 

Saibhs “port” agus silidh caorann  (port and rowan jelly sauce)

2 shliseag hama (streaky bacon)

1 chreamh-gàrraidh (leek)

Leth bhotal fìon dearg

300 ml stoc air a dhèanamh le sitheann no feòil mairt

1 spain àbhaisteach silidh caorann (rowan) no dearc-dhearg (redcurrant)

120ml “port”

70g ìm

 Agus ma thogras sibh dà chnap bheag seòclaid dorcha air a sgrìobadh mìn (grated)

 

Airson an t-saibhs a dhèanamh:

Bruich a’ hama agus an creamh-gàrraidh gus am bidh iad bog airson còig mionaidean deug.

Cuir ris am fìon agus bruich sìos e gus am bidh an treas cuid air fhàgail.

Cuir ris an stoc agus an silidh (caorann no dearc-dhearg) agus  bruich a-rithist e gus am bidh an darna leth dheth air fhàgail (bu choir dha fas tiugh a-nis).

Bheir am pana bhon an teas agus cuir na th’ann tro shioltag agus dòirt a-steach ann am pana glan.

Cuir ann a’ “port” còmhla ri salann agus piobar.  Cuir crìoch air an  t- saibhs le bhi leaghadh na tha air fhagail dhan ìm agus an t-seòclaid.

A’ deasachadh an t-sithinn:

Blàthaich praigheapan is leagh an t-ìm agus an t-ola.

A-reir de cho tiugh agus a tha an fheòil, ròst e airson 4/5 a mhionaidean air gach taobh agus leig leis seasamh greis.

Càl dearg

57g ìm

Gearr càl beag dearg, leis am meadhan air a thoirt as, na shlisean tana.

2 spàin mhòr silidh dearc-dhearg

3 spàin mhòr fion-geur dearg

Rùsg oraindsear air a sgrìobadh gu mìn

Sùgh an oraindsear air fhàsgadh as

250ml “port”

Salann agus piobair

Leagh an t-ìm ann am pana. Cuir an càl ann agus leagh sìos an an t-silidh dearc-dhearg ann cuideachd.

Cuir a fion-geur, sùgh oraindsear. Rùisg an t-oraindsear,  am “port”, salann agus piobair dhan a’ phana agus caoin-ghoil e.

Leig leis bruich airson leth uair.

Blàthaich truinnsear, cuir an t-sitheann air, beagan dhan t-saibhs air a’ mhullach agus tha seo math le càl air a’ dheasachadh mar seo le buntàta pronn.

Added. Check out your playlist Dismiss