iPlayer Radio What's New?
Image for 26/10/2012

Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

26/10/2012

Duration:
5 minutes
First broadcast:
Friday 26 October 2012

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

  • Litir 693: Bodach an t-Siabainn

    Bodach an t-Siabainn. Ma tha sibh à Leòdhas no Na Hearadh, bidh fios agaibh cò tha mi a’ ciallachadh. Fear a rinn fhortan à siabann – am Morair Leverhulme. ’S ann leis-san a bha Leòdhas agus Na Hearadh tràth anns an fhicheadamh linn. Chaidh an t-ainm Beurla – Leverburgh – a chur air an t-Òb ann an ceann a deas na Hearadh. Dh’fheuch Leverhulme ri gnìomhachas iasgaich a stèidheachadh anns a’ phort sin.

                Carson a tha mi ag ainmeachadh Leverhulme? Uill, o chionn beagan sheachdainean, bha mi air oighreachd eile a bhuineadh uaireigin don dearbh dhuine. Ach bha i fada bho na h-Eileanan Siar. Bha i ann an ceann an iar-thuath Shasainn faisg air Bolton.

                Rugadh Uilleam Hesketh Lever ann am Bolton ann an ochd ceud deug, caogad ’s a h-aon (1851). Ann an ochdad ’s a còig (1885), thòisich e fhèin agus a bhràthair  companaidh airson siabann a dhèanamh. Thug iad an t-ainm Sunlight Soap oirre.

                Nuair a chaidh inbhe morair a bhuileachadh air, dh’atharraich e ainm gu Leverhulme mar chomharra air a bhean, Ealasaid Hulme. Nuair a cheannaich e Leòdhas, agus an uair sin Na Hearadh, bha e a’ tighinn faisg air deireadh a bheatha phroifeiseanta. Taobh a-staigh seachd bliadhna, bhiodh e marbh.

                Am measg na rinn e, agus ’s iomadh rud sin, cheannaich e oighreachd Rivington Hall timcheall cnoc air a bheil Rivington Pike faisg air baile a bhreith. Thug e cothrom don Liverpool Corporation am fearann a cheannach an toiseach, oir bha am baile sin a’ faighinn uisge bho lochan aig bonn a’ chnuic. Ach dhiùlt Liverpool an cothrom. Chùm Lever (oir cha robh e na mhorair fhathast) ceathrad ’s a còig acaire dha fhèin. Thug e an còrr do Bholton Corporation. Bhiodh e tric a’ toirt seachad fearann don phoball. Tha fearann Urras Steòrnabhaigh fhathast ann an làmhan nan daoine. ’S e Leverhulme a thug seachad e.

                Thòisich Lever air pàirc phoblach a chruthachadh air Rivington Pike. Gu h-annasach, ge-tà, dh’atharraich Liverpool Corporation am beachd air an fhearann. Bha iad ga iarraidh a-nise, airson na lochan uisge aca a dhìon. Thug iad a’ chùis don Phàrlamaid ann an Lunnainn. Aig a’ cheann thall, bha aig Liverpool ris am fearann a cheannach, agus a dhà uiread dhen phrìs air ’s a phàigh Lever. Ghlèidh Lever an taigh aige a-mhàin, agus an leas mu a thimcheall. Bha aig Liverpool ri pàirc phoblach a dhèanamh dheth, ge-tà – agus an t-ainm a chur oirre – ‘Lever Park’. ’S e sin an t-ainm a th’ oirre fhathast.

                Ann an naoi ceud deug is trì-deug (1913), chaidh an taigh fiodha a thog Lever anns a’ phàirc a losgadh gu làr a dh’aona-ghnothach fhad ’s a bha e fhèin ’s a bhean a’ gabhail dinnear leis an Rìgh agus Banrigh aig dachaigh Iarla Derby. ’S i Edith Rigby a chuir teine thuige. Bha Edith na tagraiche airson còraichean bhòtaidh do bhoireannaich.

                Thog Lever taigh ùr cloiche air an làraich agus b’ e sin a dhachaigh shamhraidh gus an d’ fhuair e bàs ann an naoi ceud deug ’s còig air fhichead (1925). Thathar ag ràdh gun do ghabh e am fiabhras-clèibhe a thug bàs dha anns an taigh sin, ged a chaochail e ann an Lunnainn. Agus, le a bhàs, dh’atharraich eachdraidh Leòdhais is Na Hearadh, a bharrachd air Lever Park air Rivington Pike.

  • Faclan na Litreach

    dhiùlt: refused; an còrr: the remainder; dh’atharraich: changed; fiabhras-clèibhe: pneumonia; chaochail: died. 
  • Abairtean na Litreach

    Bodach an t-Siabainn: The Soap Man (Leverhulme’s Gaelic nickname); a rinn fhortan à siabann: who made his fortune from soap; ri gnìomhachas iasgaich a stèidheachadh: to establish a fishing industry; air oighreachd eile a bhuineadh uaireigin don dearbh dhuine: on another estate that belonged at one time to the same man; nuair a chaidh inbhe morair a bhuileachadh air: when he was elevated to the peerage [when he was granted the status of a lord]; mar chomharra air a bhean: as a tribute to his wife; faisg air deireadh a bheatha phroifeiseanta: towards the end of his professional life; faisg air baile a bhreith: near the town of his birth; thug e cothrom do X am fearann a cheannach an toiseach: he gave X an opportunity to buy the land first; ceathrad ’s a còig acaire dha fhèin: 45 acres for himself; tha fearann Urras Steòrnabhaigh fhathast ann an làmhan nan daoine: the land of the Stornoway Trust is still in the people’s hands; pàirc phoblach: a public park; airson na lochan uisge aca a dhìon: to protect their reservoirs; thug iad a’ chùis don Phàrlamaid: they took the matter to Parliament; ghlèidh Lever an taigh aige a-mhàin, agus an leas mu a thimcheall: Lever only retained his house, and the garden around it; chaidh an taigh fiodha a thog X a losgadh gu làr a dh’aona-ghnothach: the wooden house X built was deliberately burned to the ground; fhad ’s a bha e fhèin ’s a bhean a’ gabhail dinnear: while he and his wife were dining; tagraiche airson còraichean bhòtaidh do bhoireannaich: a suffragette [lobbyist for the right of women to vote]; b’ e sin a dhachaigh shamhraidh: that was his summer house.

  • Puing-chànain na Litreach

    bha aig Liverpool ris am fearann a cheannach, agus a dhà uiread dhen phrìs air ’s a phàigh Lever: Liverpool had to buy the land at twice the price Lever paid. Uiread ‘a measure, certain amount, as much’ is used in such expressions as tha (a cheart) uiread agamsa ’s a th’ agadsa (I have just as much as you). But it can also be used in combination with a number to express multiples, with the numeral lenited. Tha a thrì uiread de dh’fhearann aige a-nise (he now has three times the amount of land). Tha a cheithir uiread de dhaoine a’ fuireach ann an Alba, seach Estonia (four times as many people live in Scotland as do in Estonia).

  • Gnàthas-cainnt na Litreach

    ’s iomadh rud sin: there were/many [things] of them.

     

    Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Tasglann / Archive

An Litir Bheag 123

Tha na litrichean uile rin lorg anns an tasglann.

Podcast

  1. Image for Letter To Gaelic Learners

    Letter To Gaelic Learners

    Informative, educational and interesting. A special programme, in the form of a 'letter',…

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss