Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Episode 1

Anna Latharna NicIlliosa Episode 1 of 2

Tha e duilich a chreidsinn gu bheil leth-cheud bliadhna ann bho choisinn Anna Lathurna NicIllìosa a bonn òr aig Mòd an Òbain aig aois 17 - ach cha b'e sin ach toiseach na sgeòil. Bhon uair sin tha a guth seinn air a toirt air feadh an t-saoghail agus 's iomadh cothrom a fhuair i an luib seo. Bha i na rionnag telebhisean air feadh Bhreatainn, le sreath phrògraman aice fhèin, gun ghuth air an liuthad prògram eile anns an do nochd i thar nam bliadhnachan.

A bharrachd air a bhith na sar-sheinneadair, am measg gu leòr eile, tha i na sgrìobhaiche agus na h-eòlaiche foghlaim, agus anns na beagan bhliadhnachan a chaidh seachd tha an sàr leabhar Songs Of Gaelic Scotland air barrachd cliù a chosnadh dhi.

Anns a' phrògram sònraichte seo, tha Anna, ann an cuideachd Iain MhicIllemhìcheil, a' toirt sùil air ais air a beatha bho thog i a bonn òr agus a' meòrachadh air na tha gu bhith roimhpe sna bliadhnachan ri teachd.

Release date:

57 minutes

Last on

Thu 15 Oct 2015 12:33

More episodes

Previous

You are at the first episode

See all episodes from Anna Latharna NicIlliosa